Tha mi a’ toirt sùil a-rithist air an leabhar aig Seòras Chaluim Sheòrais nach maireann. ’S e an t-ainm a th’ air Muir is Tìr. Bha Seòras à
Beàrnaraigh, air taobh an iar Leòdhais. Bha e eòlach air a’ mhuir. Is bha e eòlach air an aimsir.
Seo tòimhseachan dhuibh, stèidhichte air fiosrachadh anns an leabhar:
Tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara. Air an rud tha na pìosan seo: crùn, gàirdean, fiacail, bas, amhach, gob, calpa, stoc, gualann is fàinne.
Dè th’ anns an rud air grunnd na mara?
A bheil sibh ag aithneachadh nam faclan sin? Crùn – crown. Gàirdean – arm. Amhach – throat. Calpa – shank. Seo
an tòimhseachan a-rithist.
Tha sibh a’ lorg rudeigin air grunnd na mara. Air an rud tha na pìosan seo: crùn, gàirdean, fiacail, bas, amhach, gob, calpa, stoc, gualann is fàinne.
Dè th’ anns an rud air grunnd na mara?
Dè thuirt sibh? “Duine”? Oir tha na rudan sin air daoine. Uill, chan e duine a th’ ann, ach acair. Acair. Rud a cheanglas bàta ri grunnd na mara.
A bheil sibh fhèin eòlach air na sgòthan? Na seòrsaichean sgòthan anns an adhar? Seo trì seòrsaichean. Dè na seòrsaichean a th’ annta? 1. Sgòthan glè àrd.
Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. Sgòthan glè àrd. Tha iad geal mìn-shìodach mar itean. ’S e sin cirrus. Cirrus. 2. Sgòthan meadhanach
àrd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. Sgòthan meadhanach àrd. Tha iad cnapach cruinn, sgapte air feadh an adhair. ’S e sinalto-cumulus. Alto-cumulus. 3. Sgòthan ìosal. Tha iad mar chlòimh canaich. Sgòthan ìosal. Tha iad mar chlòimh canaich.’S e sin cumulus. Cumulus.
Agus dè mu dheidhinn seo mar chomharra sìde anns na h-eileanan? Deàlradh na maidne: The too brilliant sunny morning, foretelling showers and rain(!) Chan eil math dhuinn a bhith ro dhòchasach mun aimsir, a
bheil?!