FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Zodiac Crios-nèimhe

Seo agaibh liosta de dh’fhaclan. Dè th’ annta? An Rùd,

Audio is playing in pop-over.

Crios-nèimhe

Seo agaibh liosta de dh’fhaclan. Dè th’ annta? An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.

Thàinig an liosta à Eilean Bheàrnaraigh – Beàrnaraigh Mòr. Tha sin air taobh siar Leòdhais. Nochd iad ann an leabhar ùr an-uiridh. Bha am fear a chuir am fiosrachadh ri chèile na iasgair. Seo an liosta a-rithist. An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.

’S e a th’ annta comharraidhean dhen Chrios-nèimhe. Tha sin a’ ciallachadh “the signs of the zodiac”. Comharraidhean dhen Chrios-nèimhe. Cia mheud comharra a th’ ann? A bheil fios agaibh? Am bi sibh a’ leughadh nan “rionnagan” anns a’ phàipear-naidheachd?

Tha dà chomharra dheug ann uile gu lèir. Dà chomharra dheug. Agus seo iad, leis a’ Bheurla cuideachd: An Rùd no an rùda – Aries, the ram, An Tarbh – Taurus, the bull, Càraid – Gemini, the twins, A’ Chrùbag – Cancer, the crab, An Leòmhann – Leo, the lion, An Òigh –Virgo, the virgin, Am Meidh – Libra, the scales, An Nathair-nimhe – Scorpio, the scorpion, Am Boghadair – Sagittarius, the archer, An Gobhar – Capricorn, the goat, Fear-giùlain Bùirn no Uisge– Aquarius, the water carrier agus Na h-Iasgan no na h-Èisg – Pisces, the fishes.

’S e an t-ainm a th’ air an leabhar Muir is Tìr. Tha beul-aithris ann. Agus tha fiosrachadh ann. Tha e mu dheidhinn na mara, na tìre is nan speuran. ’S e am fear a chruinnich am fiosrachadh Seòras Chaluim Sheòrais no Seòras MacLeòid nach maireann.

An Litir Bheag 51 An Litir Bheag 51 An Litir Bheag 53 An Litir Bheag 53

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!