Tha mi a’ dol a leughadh liosta de dh’fhaclan dhuibh. Tha mi airson ’s gun èist sibh riutha, agus gun obraich sibh a-mach dè th’ annta. Tha iad a’ dol
còmhla ann an dòigh air choreigin: An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh, Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar,
Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.
Bu chòir dhomh ràdh, ’s dòcha, gun tàinig an liosta à Eilean Bheàrnaraigh – Beàrnaraigh Mòr – far chosta siar Eilein Leòdhais. Buinidh cuid de na faclan
don sgìre sin. Bhiodh iad eadar-dhealaichte ann an sgìrean eile, ’s dòcha. Seo iad a-rithist. An Rùd, An Tarbh, Càraid, A’ Chrùbag, An Leòmhann, An Òigh,
Am Meidh, An Nathair-nimhe, Am Boghadair, An Gobhar, Fear-giùlain Bùirn agus Na h-Iasgan.
’S e a th’ annta dà chomharra dheug na Crios-nèimhe. Dà chomharra dheug na Crios-nèimhe. The twelve signs of the zodiac. An Rùd no an rùda no
reithe – Aries, the ram, An Tarbh – Taurus, the bull, Càraid – Gemini, the twins, A’ Chrùbag – Cancer, the crab, An
Leòmhann – Leo, the lion, An Òigh – Virgo, the virgin, Am Meidh – Libra, the scales, An Nathair-nimhe – Scorpio, the scorpion, Am Boghadair – Sagittarius, the archer, An Gobhar – Capricorn, the goat, Fear-giùlain Bùirn – Aquarius, the water carrier agus Na h-Iasgan no na h-èisg – Pisces, the fishes.
Tha am fiosrachadh a’ tighinn bho leabhar a chaidh fhoillseachadh o chionn beagan mhìosan, air a bheil Muir is Tìr. ’S e a th’ ann cruinneachadh
de bheul-aithris is fios mu àrainneachd na mara, na tìre is nan speuran. Chaidh a chur ri chèile le fear a bha na iasgair – Seòras Chaluim Sheòrais no
Seòras MacLeòid nach maireann.
Bu mhath leam blasad a thoirt dhuibh de chuid dhen stuth a th’ anns an leabhar. Dè th’ ann an Co-shìntean Leud, mar
eisimpleir? Uill, ’s e a th’ annta, a rèir an leabhair, “Criosan a tha air an tarraing co-shìnte ri crios-meadhain an t-saoghail. Tha na criosan seo a’ fàs
nas lugha mar as fhaisge a tha iad a’ tighinn air cridhe na h-àird a Tuath ’s a Deas.” Parallels of latitude. Co-shìntean Leud.
’S e leud a’ Ghàidhlig aig Seòras Chaluim air “latitude”. Agus tha e a’ ciallachadh, “An t-astar a tha àite dìreach Tuath no Deas air
crios-meadhain an t-saoghail”.
Agus seo mar a mhìnicheas Seòras “longitude”: Astair: Longitude: “An t-astar a tha àite an Iar no an Ear air crios na h-àird a Deas Greenwich”.
Co-shìntean Astair – the meridians of longitude: “Criosan a tha air an tarraing co-shìnte ri crios meadhan-lathach Greenwich tro chridhe na h-àird
a Tuath ’s a Deas.” Bidh cuid a’ cleachdadh “fad” airson longitude ach ’s e astair a bha Seoras Chaluim a’ cleachdadh. Agus tha e inntinneach gur
e cridhe na h-àird a Tuath a bh’ aige airson North Pole. Bidh daoine ag ràdh Am Pòla mu Thuath san latha an-diugh.
Nise, seo beagan fiosrachaidh bhon leabhar. Leughaidh mi a’ chiad phàirt de sheantans. Cuiribh fhèin crìoch air. Tha sia mìle is ceithir fichead troigh a’
dèanamh _____. Dè? Tha sia mìle is ceithir fichead troigh a’ dèanamh mìle mara. Tha mìle mara co-ionann ri aon _______. Dè? Tha mìle mara
co-ionann ri aon mhionaid leud. Aon mhionaid leud. Ciamar a chaidh dhuibh le sin? Am biodh sibh nur deagh mharaiche?