Chaidh Cuimrich a dh’fhuireach ann an Saskatchewan, ann an Canada. Bha sin o chionn còrr is ceud bliadhna. Ach cha robh na Cuimrich sin às a’ Chuimrigh.
Bha iad à Ameireagaidh a Deas.
Tha an stòiridh a’ tòiseachadh ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865). Dh’fhàg feadhainn a’ Chuimrigh. Sheòl iad a-mach à Liverpool. Bha iad a’
dol a dhèanamh dachaigh ùr Chuimreach dhaibh fhèin ann an Argentina. Bha iad ag iarraidh an cànan aca a ghlèidheadh.
Chaidh iad a Phatagonia. Tha sin fad air falbh bho Bhuenos Aires. Bha riaghaltas Argentina ag iarraidh daoine ùra ann am Patagonia. Fad air falbh o bhuaidh
na Spàinntis is buaidh na Beurla, thog na Cuimrich coimhearsnachdan Cuimreach. Bha siostam-lagha Cuimreach aca. Bha a’ Chuimris aca mar chànan.
Ach anns na naochadan dhen naoidheamh linn deug, dh’atharraich gnothaichean anns na bailtean mòra aca. Chaidh coigrich a dh’fhuireach anns na bailtean sin.
Cha robh Cuimris aig na coigrich. Agus bha an riaghaltas ann am Buenos Aires ag iarraidh Spàinntis anns na sgoiltean, seach Cuimris. Bha cuid de na
Cuimrich ag iarraidh gluasad air falbh gu dùthaich eile.
Fhuair iad fearann ann an Saskatchewan. Ann an naoi ceud deug ’s a dhà (1902), dh’fhàg còrr is dà cheud Cuimreach Patagonia. Sheòl iad gu Liverpool. An
uair sin, sheòl iad gu Canada. Bha iad air bòrd an t-soithich, an Numidian. Chaidh iad gu Quebec an toiseach. Ràinig iad Saskatchewan anns an Iuchar.
Tha clàr ann dhen luchd-siubhail air an Numidian. Tha 208 Cuimreach air a’ chlàr. A rèir a’ chlàir, rugadh iad uile ann am Patagonia. Ach tha mi a’
smaoineachadh nach eil sin ceart. Bha cuid aca ro shean airson sin. Rugadh feadhainn anns a’ Chuimrigh, chaidh iad a dh’Argentina agus bha iad a-nise air a
dhol a Chanada. Tha iad car coltach ris na Gàidheil Albannach a chaidh a dh’Alba Nuadh, is an uair sin gu Astràilia is an uair sin gu New Zealand.
Ceud bliadhna às dèidh gun do ràinig na Cuimrich Saskatchewan, tha an cultar lag, a rèir choltais. Eucoltach ri Cuimrich Phatagonia agus muinntir na
Cuimrigh fhèin, cha do ghlèidh an fheadhainn ann an Saskatchewan an cànan. ’S iomadh rud a chailleas fear na h-imrich. ’S dòcha gun do rinn Cuimrich
Saskatchewan cus imrich.