Bha mi uaireigin a’ teagasg Gàidhlig ann an clasaichean feasgair. Bha mi a’ teagasg fo sgeama nàiseanta. Bha mi a’ cumail ri curraicealam. Bha deuchainnean
aig na h-oileanaich.
Bha liosta agam de na sgilean a dh’fheumadh a bhith aig na h-oileanaich. Dh’fheumadh iad a bhith comasach air ticead rèile a cheannach ann an Gàidhlig. Ach
dè cho tric ’s a cheannaich mise ticead rèile ann an Gàidhlig? Cha do cheannaich a-riamh.
Chan eil mion-chànan mar a’ Ghàidhlig coltach ri cànan mòr mar Spàinntis. Tha e feumail do dhuine an sgil a bhith aige airson ticead rèile a cheannach ann
an Spàinntis. Anns an Spàinnt bidh daoine a’ ceannach thiceadan ann an Spàinntis.
Chan eil cùrsaichean Gàidhlig stèidhichte air cànan mòr cèin freagarrach. Agus ’s dòcha nach eil leabhraichean de dh’abairtean Gàidhlig stèidhichte air
cànan mòr cèin freagarrach. Nochd fear an-uiridh. ’S e an tiotal a th’ air Gaelic Phrasebook (le Geddes and Grosset). Tha dà rud math mun
leabhar. Tha e saor. Tha e a’ cosg trì not’ ach sgillinn. Agus tha fìor dheagh Ghàidhlig aig an ùghdar – Màrtainn Dòmhnallach.
Tha mòran rudan ann a tha sìmplidh agus feumail do luchd-ionnsachaidh. Mar eisimpleir Càite bheil iuchar an dorais seo? Nach brèagha an là a th’ ann? Dè chanas sibh ri seo?
Ach bha teamplaid eadar-nàiseanta ann airson an leabhair. Tha an aon dreach air ann an iomadach cànan. Agus, leis a sin, tha rudan annasach ann. Rudan mar chòrdadh bòrd rinn air a’ bharraid. Ann an Steòrnabhagh? No dè th’ ann am marag dhubh? Nach eil fios aig a h-uile duine dè th’ ann am
marag dhubh?!
Agus bha aig Màrtainn ri ceist annasach dha-rìreabh a chur ann: bheil neach-treòir le Beurla ann? Cò chanadh sin ann an Gàidhlig ann an Alba? Agus
dè mu dheidhinn seo: Tha mi uabhasach duilich –’s e coigreach a th’ annam...!
Ach tha rudan feumail anns an earrainn – “getting around by car ferry”, oir tha Gàidhlig aig mòran de luchd-obrach Chaledonian Mhic a’
Bhriuthainn. Mar sin bhiodh iad seo feumail: dè an coltas a th’ air an t-sìde? no càite am faigh sinn bilichean son tinneas-mara?
Agus tha an abairt seo ann (airson stèisean rèile) – bileag shingilte gu Glaschu, ler toil. Bidh na h-ùghdarrasan foghlaim toilichte le sin!