Nochd pìos de rosg Gàidhlig mu Na h-Eileanan Falcland ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Agus nochd e a-rithist o chionn ghoirid ann an
leabhar ùr. ’S e an tiotal a th’ air an leabhar ùr Ri Linn nan Linntean: taghadh de rosg Gàidhlig. Tha mi a’ dol a leughadh beagan dheth. Bidh e
nas sìmplidhe na bha e bho thùs….
Tha mu cheud eilean fon ainm seo – Eileanan Falcland. Tha iad nan laighe dlùth dha chèile. Tha iad ann an cuan mòr na h-àirde Deas. Tha iad mu cheithir
cheud agus ceithir fichead mìle an taobh seo de dh’Ameireagaidh a Deas.
Tha an t-eilean as mò sia fichead mìle air fad, agus leth-cheud mìle air leud. Tha bàghan agus calachan ann. Chan eil duine beò a’ còmhnaidh air an
eilean seo. Tha an t-eilean seo gu math mòr. Tha e cho mòr ri Muile, Ìle, ’s an t-Eilean Sgitheanach còmhla. Chan eil crodh no caoraich no eich san
eilean. Bidh am feur a’ grodadh air an làr o bhliadhna gu bliadhna!
Tha an dara h-eilean as mò ceithir fichead mìle air fad agus leth-cheud mìle air leud. Tha caol eadar an dà eilean. Tha acarsaidean fasgach air gach
taobh dhen chaol. Tha baile beag air an eilean seo. Canaidh iad Port Leòdhais ris. Tha ochd duine deug a’ còmhnaidh air an eilean seo. Tha iad de
mhuinntir Ameireagaidh a Deas. Ach tha na h-eileanan le Breatainn.
Tha eileanan beaga eile mun cuairt don dà eilean mhòr seo. Tha iad mu mheudachd Cholla is Chanaigh is Eilean nam Muc. Chan eil duine a’ fuireach orra.
Tha na h-eileanan uabhasach coltach ri h-Innse-Gall na h-Alba…
Bu mhath leam rudeigin a ràdh mu Phort Leòdhais. An e ainm Gàidhlig a bh’ ann? An robh Leòdhasaich a’ fuireach ann? Cha chreid mi gu robh. ’S e Port
Leòdhais a ghabh an sgrìobhadair Gàidhealach air. ’S e Port Louis an t-ainm a bh’ air ann am Fraingis. Chuir na Frangaich baile ann, ann an seachd ceud
deug, seasgad ’s a ceithir (1764). Ach ghabh na Spàinntich thairis e. Agus chuir na Spàinntich ainm ùr air – Puerto Soledad – “am port uaigneach”.