Nochd leabhar ùr o chionn ghoirid anns a bheil taghadh de rosg Gàidhlig. ’S e an tiotal a th’ air Ri Linn nan Linntean. Chaidh a dheasachadh le
Richard Cox agus Colm Ó Baoill. Chan eil mi a’ dol ga mholadh do luchd-ionnsachaidh a th’ aig ìre bhunaiteach. Bhiodh e ro dhoirbh dhaibh, oir chan eil
eadar-theangachadh ann. Ach don fheadhainn a tha fileanta gu leòr, tha stuth ann a tha gu math eachdraidheil, fiosrachail is inntinneach. Bheir mi
tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn mar a gheibheadh sibh grèim air an leabhar aig deireadh na Litreach.
Tha mi a’ dol a thaghadh pìos de sheann Ghàidhlig bhuaithe. Ach – dhuibhse a bhios a’ leughadh na Litreach – tha mi a’ dol a chur riaghailtean ùra
litreachaidh an sàs gus am bi e nas fhasa dhuibh a leughadh. ’S e an tiotal a th’ air an earrainn seo de rosg “Na h-Eileanan Falcland” agus chaidh
fhoillseachadh an toiseach ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842):
Am measg nan eileanan sin a bhuineas do Bhreatainn, agus gun duine cha mhòr gan tuineachadh, tha na h-Eileanan Falcland. Tha mu thimcheall còig fichead de na h-eileanan a tha fon ainm seo nan laighe dlùth dha chèile, ann an cuan mòr na h-àirde Deas, mu cheithir cheud agus
ceithir fichead mìle an taobh seo de dh’Ameireagaidh na h-àirde Deas, agus mar astar trì cheud mìle o mhaol mhòr deiseil Ameireagaidh – ’s e sin Cape Horn.
Tha an t-aon as mò de na h-eileanan seo mu thuaiream sia fichead mìle air fad
, agus leth-cheud mìle air leud, air a chuairteachadh le bàghan agus calachan agus ionadan acarsaid cho math, fasgach, tèarainte ’s a tha san t-saoghal
uile. Chan eil air an àm duine beò a’ còmhnaidh air an eilean seo, an t-eilean as mò dhiubh, a tha uiread ri Muile, Ìle, ’s an t-Eilean Sgitheanach le
chèile, agus gu mòr nas tarbhaiche. Chan eil crodh no caoraich no eich san eilean mhòr seo, ach am feur a’ grodadh air an làr o bhliadhna gu bliadhna!
Tha an dara h-eilean as mò ceithir fichead mìle air fad
agus leth-cheud air leud. Tha caol eadar còig is sia mìltean air leud eadar an dà eilean seo – caol trom faodadh cabhlach Shasainn seòladh cho glàn, rèidh,
tèarainte ’s a b’ urrainn duine iarraidh, agus acarsaidean fasgach air gach taobh dheth. Tha seòrsa de bhaile beag air an eilean seo, ris an can iad Port
Leòdhais. Tha ochd pearsa deug a’ còmhnaidh air an eilean seo, de mhuinntir Ameireagaidh mu Dheas; ach is le Breatainn iad, agus tha còir Bhreatainn air a
h-aideachadh a-nis le gach rìoghachd.
Tha long-chogaidh a-nise do ghnàth ann, chum còir Bhreatainn air an eilean seo a dhìon. Tha eileanan beaga eile mun cuairt don dà eilean mhòr seo, mu
mheudachd Cholla is Chanaigh is Eilean nam Muc, agus gun duine gan tuineachadh. Tha na h-eileanan seo anabarrach uile cosmhail ri h-Innse-Gall na h-Alba…
Uill sin e – ach bu mhath leam rudeigin a ràdh mu Phort Leòdhais? Uill, ’s e Port Leòdhais a ghabh an sgrìobhadair Gàidhealach air Port Louis. Chaidh baile
a chur air chois ann a sin leis na Frangaich ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a ceithir (1764). Ach ghabh na Spàinntich thairis e trì bliadhna às dèidh
sin agus chuir iadsan ainm ùr air – Puerto Soledad – “am port uaigneach”. Ach tha e coltach gun do lean na Gàidheil orra le bhith a’ cleachdadh an t-seann
ainm, le dreach Gàidhealach air.
Ma tha ùidh agaibh san leabhar Ri Linn nan Linntean, gheibhear fiosrachadh mu dheidhinn air an eadar-lìon aig www.clanntuirc.co.uk.