FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The MacLeans (1) Na Leathanaich (1)

Anns an t-seachdamh linn deug bha mòran air an cur

Audio is playing in pop-over.

Na Leathanaich (1)

Anns an t-seachdamh linn deug bha mòran air an cur gu bàs ann an Alba. Carson? ’S e “buidsichean” no “bana-bhuidsichean” a bh’ annta. ’S e sin a bha daoine ag ràdh co-dhiù.

Bha buidheann a’ fuireach air Oighreachd Shrath Ghlais. B’ e sin an oighreachd aig ceann-cinnidh nan Siosalach. ’S e buill de Chloinn ’ic Illeathain a bh’ anns na daoine. Leathanaich. Bha iad fo amharas gu robh iad ri buidseachd. Thug an Siosalach a’ bhuidheann don eaglais ann an Cnoc Mhoire. ’S e boireannaich a bh’ anns a’ mhòrchuid dhiubh.

Bha fear eile ann air an robh MacPheadrais. Bha esan a’ sgrùdadh daoine a bha fo amharas de bhuidseachd. Rinn e sgrùdadh air a h-uile duine de na Leathanaich à Srath Ghlais. Seo mar a rinn e e. Bha prìne fada aige. Dh’iarr e air na daoine an aodach a chur dhiubh. Bha e a’ suathadh a làmhan air am bodhaigean.

Bha e a’ cur a’ phrìne aige annta. Bha e a’ cur a’ phrìne fad an rathaid a-steach. Bha cothrom aig an duine am prìne a lorg. Mura d’ fhuair e lorg air a’ phrìne gu furasta, thuirt MacPheadrais gu robh e ri buidseachd.

Chan eil e furasta prìne mar sin a lorg annad. Chaidh mòran daoine neo-chiontach a chur gu bàs air sàilleabh seo. Agus an là sin ann an Eaglais Chnoc Mhoire, bha na Leathanaich uile “ciontach”.

Bha an Siosalach toilichte. Bha e ag iarraidh na Leathanaich seo a chur gu bàs. Dh’iarr e air a’ Chomhairle Dhìomhair ann an Dùn Èideann leigeil leis coimisean a stèidheachadh. Bha an coimisean a’ dol a thoirt sùil air a’ chùis. Chaidh cead a thoirt seachad airson coimisean.

Ach cò na buill a bh’ air a’ choimisean? A, uill, ann Siosalach fhèin, a bhràthair agus dithis de na co-oghaichean aige. Bha cùisean a’ coimhead dubhach do na Leathanaich. Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 22 An Litir Bheag 22 An Litir Bheag 24 An Litir Bheag 24

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!