FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Bailie of Trotternish and the witch (1) Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach (1)

Seo agaibh seann sgeulachd bhon Eilean Sgitheanach. ’S e an

Audio is playing in pop-over.

Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach (1)

Seo agaibh seann sgeulachd bhon Eilean Sgitheanach. ’S e an t-ainm a th’ oirre Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach. Thachair e anns an t-siathamh linn deug. Tha Trondairnis ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich.

Chuir Rìgh na h-Alba air leth màl dà bhaile ann an Trondairnis. Bha an t-airgead a’ dol gu aon duine – fear air an robh Coinneach mar ainm. Coinneach Mac Uilleim ’ic Sheumais. Carson a rinn an Rìgh sin? Uill, bha Coinneach ag iarraidh foghlam anns an lagh. Bha an t-airgead a’ pàigheadh airson foghlam Choinnich.

Ach bha cùisean truagh anns an Eilean Sgitheanach. Bha daoine bochd. Cha do phàigh iad am màl. Chaidh Coinneach fhèin don sgìre mar bhàillidh. Bha e a’ dol a thogail a’ mhàil ann an ainm an Rìgh.

Bha boireannach ann a bha uabhasach bochd. Chaill i an duine aice. Chaill i an dithis mhac aice. Agus chaill i an sprèidh aice. Cha robh aice ach aona bhò.

Thàinig Coinneach air muin eich. Bha maor còmhla ris. Cha robh airgead sam bith aig a’ bhoireannach. Ach ’s e duine cruaidh a bh’ ann an Coinneach. Thug e leis a’ bhò. Dh’fhalbh e sìos an rathad leatha. Chuir Coinneach agus am maor a’ bhò agus an t-each ann am buaile. Chaidh iad gu biadh ann an taigh a’ mhaoir.

Thàinig còmhlan de ghillean cruinn. Bha iad feargach. Bha iad a’ càineadh a’ bhàillidh agus a’ mhaoir. “Nach biodh e math,” thuirt fear dhiubh ri càch, “a’ bhò aiseag gu Eilean Thuilm.” Dh’aontaich càch ris.

Bha bàta faisg air làimh. Chuir na gillean a’ bhò don bhàta. Chuir iad an t-each ann cuideachd. Dh’fhalbh iad a-mach don eilean. Dh’fhàg na gillean a’ bhò agus an t-each anns an eilean. Bha iad air ais an ceann ùine ghoirid. Cha robh fios aig a’ bhàillidh no aig a’ mhaor mu dheidhinn.

An ceann ùine thill am bàillidh agus am maor don bhuaile. Ach, mo chreach, nuair a ràinig iad am buaile, cha robh sgeul air each no bò ann.

Nise, aig toiseach gnothaich, dh’innis mi dhuibh gur e tiotal na sgeulachd Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach. Thuige seo cha robh sgeul air bana-bhuidseach. Ach na gabhaibh dragh. Bidh i còmhla rinn an ath-sheachdain.

An Litir Bheag 18 An Litir Bheag 18 An Litir Bheag 20 An Litir Bheag 20

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!