O chionn ghoirid bha mi ag innse dhuibh mu choileach. Coileach glas air a’ Chomraich. Bha an coileach a’ gairm air an oidhche. Bha e a’ dèanamh fuaim. Bha
e a’ cumail daoine nan dùisg. Is bha na daoine mì-thoilichte. Chaidh òran a sgrìobhadh mu dheidhinn. ’S e Òran a’ Choilich an t-ainm a th’ air.
Nuair a tha thu a’ campachadh, tha thu a’ cluinntinn a h-uile càil. Chan eil an teanta a’ cumail fuaimean a-mach. Tha thu a’ cluinntinnn caoraich a’
mèilich. Tha thu a’ cluinntinn coileach a’ gairm. Is, gu dearbh, tha thu a’ cluinntinn companach a’ dèanamh srann! Tha fuaimean mar sin a’ cur dragh oirnn,
nach eil?
Chan eil fuaim uisge a’ cur dragh oirnn, ge-tà. Tha sin a’ còrdadh rinn. Ma tha sinn a’ campachadh ri taobh allt no ri taobh eas, tha am fuaim a’ còrdadh
rinn. Ma tha sinn a’ campachadh air a’ chladach tha fuaim na mara a’ còrdadh rinn. Tha sinn a’ faighinn cadal math air an oidhche.
’S e ceòl cadail a tha sinn ag ràdh ri fuaim mar sin. Ceòl cadail. Fuaim a tha a’ cur cadal ort. Fuaim binn. Ceòl cadail. Seo agaibh abairt à
Beàrnaraigh Na Hearadh: ’S math an ceòl cadail e, uisge bragadaich air àirigh. ’S math an ceòl cadail e, uisge bragadaich air àirigh.
Tha an abairt seo annasach. Anns a’ chuid as mò de bhothain-àirigh bha mullach de sgràthan agus fraoch. Cha robh uisge a’ dèanamh bragadaich air. Cha robh
idir. Ach bha na bothain-àirigh aig muinntir Bheàrnaraigh eadar-dhealaichte.
Bha Beàrnaraigh ro bheag airson àirighean. Ach bha àirighean aig na daoine air eileanan eile. Eileanan a bha gun sluagh. Chaidh na daoine a-null ann an
eathraichean. Bha seòl aca. No bha cainb-theàrra (no tarpaulin) aca anns an eathar. Bha iad a’ cur sin air mullach a’ bhothain. Agus bha an
t-uisge a’ dèanamh bragadaich air.
Thuirt muinntir Bheàrnaraigh gun robh an seòl no cainb-theàrra a’ cumail an uisge a-mach. Ach gu robh iad a’ leigeil ceòl a-steach. Ceòl cadail. Tha mi an
dòchas nach bi e ro fhada mus cluinn sibh fhèin ceòl cadail air an oidhche. Mar sin leibh an-dràsta.