Bha mi ag innse stòiridh dhuibh anns an Litir mu dheireadh. ’S e an t-ainm a th’ air Bàillidh Throndairnis agus a’ Bhana-bhuidseach. Tha
Trondairnis anns an Eilean Sgitheanach. ’S e sgìre a th’ ann. Tha e ann an ceann a tuath an eilein.
Anns an stòiridh, thug gillean bò agus each gu Eilean Thuilm. Bò na banntraich agus each a’ bhàillidh. Cha robh fios aig a’ bhàillidh no aig a’ mhaor.
Nuair a ràinig am bàillidh agus am maor am buaile, cha robh sgeul air bò no each.
Chaidh am bàillidh agus am maor suas do na gillean. “Am faca sibh duine an seo?” dh’fhaighnich iad. Dh’innis iad do na gillean mun bhò is each.
Thuirt na gillean nach fhaca iad duine sam bith. Thuirt fear de na gillean gun robh cailleach a’ fuireach faisg. Bha fiosachd aice. “Bidh fios aice cà’
bheil a’ bhò ’s an t-each,” thuirt e.
“Rach sìos ga h-iarraidh,” ars’ am bàillidh.
Dh’fhalbh dithis de na gillean. Ràinig na gillean taigh na caillich. Dh’innis iad don chaillich dè rinn iad. Dh’aontaich i tuilleadh spòrs a dhèanamh.
Sgeadaich i i fhèin mar bhana-bhuidseach. Chuir i craiceann gobhair mu a guailnean. Chuir i bonaid air a ceann. Leig i a falt sìos a druim. Thog i bata.
Bha coltas bana-bhuidsich oirre.
Dh’fhalbh i còmhla ris na gillean. Chaidh iad suas don àite far an robh càch.
“An innis thu dhomh,” dh’fhaighnich am bàillidh, “càite a bheil a’ bhò agus an t-each?”
“Cò bu leis iad?” ars’ am boireannach.
“Tha a’ bhò leis an Rìgh. Tha an t-each leamsa,” thuirt am bàillidh.
“Tha thu breugach,” ars’ ise. “Dè bhiodh bò leis an Rìgh a’ dèanamh an seo?”
“Thug am boireannach sin dhomh i – mar mhàl,” thuirt am bàillidh.
“Tha thu breugach,” thuirt am boireannach. “Cha tug. Thug thusa bhuaipe i.”
Thuirt a’ chailleach gum faca i sìthichean o chionn ghoirid. Chaidh iad tron taigh aice. Bha bò agus each aca.
“ Chaidh iad a-steach don chnoc ud,” thuirt i. “Nam biodh sibhse eòlach air na daoine beaga mar a tha mise, cha bhiodh sibh a’ goid crodh bho
bhanntraichean.”
Nuair a chuala am bàillidh sin, dh’fhalbh e. Cha tug e bò bho bhanntrach tuilleadh cho fad ’s a bha e na bhàillidh air Trondairnis.