Chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois ann an California o chionn ceud bliadhna. ’S e an t-ainm a bh’ oirre The Celtic Club of Los Angeles.
’S e dithis a stèidhich an cluba – fear à Alba agus fear à Èirinn. Thuirt iad gur e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal a bh’ ann. Bha iad
a’ cur fàilte air daoine bho Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus A’ Bhreatainn Bheag.
Chan eil fhios agam a bheil sin fìor, no a bheil an cluba fhathast a’ dol. Ach chuala mi naidheachd èibhinn mu fhear Èireannach ann an California. Cha robh
e ann an Los Angeles, ge-tà. Bha e ann an San Francisco. Bha am fear seo aig ceann buidheann de luchd-turais. Bha iad a’ siubhal ann am bus.
Là a bha seo, chuir fear dhen luchd-turais ceist air an Èireannach: “A bheil Gaeilge agaibh?”
Fhreagair an t-Èireannach, “Tha gu leòr.” Ach chan e an fhìrinn a bha aige. ’S e breug a bha ann. Dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann san sgoil, ach cha
robh mòran aige. Dìreach ùrnaigh no dhà.
Ràinig iad San Francisco. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Fhuair fear dhen luchd-turais a-mach gu robh fear dhen luchd-obrach à Èirinn. “A bheil Gaeilge
agaibh?” dh’fhaighnich e dhen Èireannach.
“Tha gu leòr,” fhreagair an t-Èireannach. Agus ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan. Bha e fileanta.
“Thig don bhòrd againn,” thuirt am fear-turais. “Tha mi ag iarraidh còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a chluinntinn.”
Chaidh am fear Èireannach a-null. Bha am fear Èireannach eile aig a’ bhòrd. Am fear breugach. “Siuthadaibh!” thuirt am fear-turais. “Bruidhnibh ri chèile
ann an Gaeilge.”
Mus tuirt fear an taigh-sheinnse dad, thuirt fear a’ bhus, “Ar n-Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d' ainm.” Choimhead am fear fileanta air mar gur
e amadan a bh’ ann. Ach an uair sin, thuig e dè bha a’ dol. Bha plòigh aig an duine eile. “Gun tigeadh do rìoghachd,” fhreagair e. “Gun dèanar do thoil air
thalamh, mar a nithear air nèamh.”
“Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil,” thuirt a’ chiad fhear.
“Agus math dhuinn ar fiachan,” fhreagair am fear eile. Lean an còmhradh mar sin. Bha an luchd-turais toilichte. Chuala iad còmhradh ann an Gàidhlig na
h-Èireann. Cha robh fios aca gur e dìreach Ùrnaigh an Tighearna a chuala iad!