Tha faclan no abairtean eadar-dhealaichte aig daoine airson bruidhinn ri diofar bheathaichean. Ann am mòran àiteachan, airson bruidhinn ri bò, canaidh
daoine “pruidh” no “pruidh-dhè”. Tha sin anns na faclairean, ceart gu leòr: Pruidh – a call to cattle, cow or calf.
Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghàidhlig gu Albais no bho Albais gu Gàidhlig. Anns an fhaclair Albais agam tha Prow, Pru agus Prui. Tha iad uile nan dòighean airson a bhith a’ gairm air crodh.
Sgrìobh an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacBheathain, pàipear mu abairtean à Bàideanach. ’S ann à Bàideanach a bha e fhèin. Sgrìobh e gur e “progaidh” a bha
daoine ag ràdh ri each. Progaidh. Thuirt e gun tàinig sin bho Albais, ach gun tàinig an Albais bhon Fhraingis approchez.
Ann an Gàidhlig bidh sinn ag ràdh “ciridh” ri caora no uan. “Ciridh, ciridh, ciridh!” no mar sin. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agam agus bha an
dearbh fhacal ann: K-e-e-r-i-e – Keerie –– a call to a lamb or sheep.
Tha cuid de na gairmean eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, puisidh airson bruidhinn ri cat, agus diug no diugaidh airson labhairt
ri cearc. Ach bha abairt eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – stididh – no tididh. Bha e fhèin ag ràdh gun tàinig
iad sin bho Albais gu Gàidhlig. Tha cheet no cheetie ann an Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha chit a’ ciallachadh “beathach òg”. Agus bidh daoine a’ gabhail kit fhathast air sionnach òg ann am Beurla.
Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam. Agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Chan eil Beurla aig a’
chù agam. ’S e cù Gàidhealach a tha ann. ’S e abairtean Gàidhlig an aon fheadhainn a thuigeas e. Agus, nuair a tha e a’ ruith anns a’ phàirc, dè dh’èigheas
mi ris a bheir e air ais thugam? Dè ach “Briosgaid!”