FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!

Lorg mi abairt an latha eile ann an leabhar sheanfhaclan.

Audio is playing in pop-over.

Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!

Lorg mi abairt an latha eile ann an leabhar sheanfhaclan. Tha i a’ buntainn air daoine air a bheil cus cabhaig. Tha uiread de chabhaig orra rudeigin a dhèanamh ’s nach eil iad ga dhèanamh cho math ’s a bu chòir. ’S ann à Siorrachd Pheairt a tha i: Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach! Tha e a’ ciallachadh “Come, stand still, brindled cow! You would be the better of a fetter! Pruidh, deirist, a bhò riabhach! ’S fheàirrd thu buarach!

Air an dearbh latha a leugh mi sin, thàinig mi tarsainn air sreath ghairmean a bhios daoine a’ cleachdadh nuair a tha iad ag èigheachd air beathaichean, agus ag iarraidh orra dhol gan ionnsaigh. Bha iad à Bàideanach. Ri bò, chanadh muinntir Bhàideanach “Pruidh-dhè”. Pruidh-dhè.

Chaidh mi gu faclair Dwelly agus bha e ann a sin ceart gu leòr. Pruidh – call to cattle, cow or calf. Bha Pruidh-dhè ann cuideachd, agus pruidh-é agus pruidh-dhè bheag a bharrachd air pruidh seo agus pruigean.

Tha e coltach gun deach na h-abairtean sin bho Ghàidhlig gu Albais no bho Albais gu Gàidhlig, oir tha am faclair Albais agam a’ toirt seo: Prow, Pru, Prui, Prutchee, Ptru, Ptrui, Ptruch, Ptruchie agus Ptrumai mar dhòighean airson a bhith a’ gairm air crodh – agus uaireannan air each no air eich.

’S e an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacBheathain, a sgrìobh am pàipear mu abairtean à Bàideanach – oir ’s ann à Bàideanach a bha e fhèin. Agus thuirt e rudeigin inntinneach mun fhacal a chleachdadh iad airson a bhith a’ gairm air each. Chanadh iad “progaidh”. Progaidh. Thuirt MacBheathain gur ann bhon Albais a thàinig sin don Ghàidhlig, ach gur ann bhon Fhraingis a bha e bho thùs – bho approchez.

Cha chreid mi nach eil barrachd sa chumantas eadar a’ Ghàidhlig agus Albais na tha sinn ag aideachadh aig amannan. Bidh sibh eòlach, ’s dòcha, air an fhacal a chleachdas daoine airson bruidhinn ri caora no uan – ciridh. ’S ann tric a chuala mi muinntir na Comraich ag èigheachd “Ciridh, ciridh, ciridh!” ri caoraich nuair a bha mi òg. Uill, chaidh mi don fhaclair Albais agus bha am facal K-e-e-r-i-e ann – Keerie –– a call to a lamb or sheep.

Tha cuid de na gairmean eadar-nàiseanta. Mar eisimpleir, puisidh airson bruidhinn ri cat, agus diug no diugaidh airson labhairt ri cearc. Ach bha abairt inntinneach eile aig MacBheathain airson bruidhinn ri cat no piseag – ’s e sin stididh – no uaireannan tididh no stidean no stìdean. Bha e fhèin dhen bheachd gun tàinig iad sin bho Albais gu Gàidhlig oir tha cheet no cheetie ann an Albais a’ ciallachadh cat no piseag. Anns an t-seann Bheurla bha chit a’ ciallachadh beathach òg no piseag agus cluinnear kit fhathast airson cuilean sionnaich ann am Beurla.

Ach dè chanas sinn ri cù? Uill, tha facal agam a bhios mi ag èigheachd ris a’ chù agam agus bidh e an-còmhnaidh a’ tighinn thugam. Nise, feumaidh mi ràdh nach eil Beurla aig a’ chù agam ann. ’S e cù Gàidhealach a th’ ann agus ’s e abairtean Gàidhlig an aon fheadhainn air a bheil e eòlach. Mholainn sin do dhuine sam bith agaibh a tha a’ beachdachadh air cuilean fhaighinn. Cùm Gàidhlig ris. Cha leig thu leas ach beagan abairtean ionnsachadh, agus tha e uabhasach math airson a bhith a’ toirt air clann, aig nach eil ach Beurla, beagan Gàidhlig fheuchainn.

Agus an cù agamsa? Dè dh’èigheas mi ris a bheir e air ais thugam nuair a tha e a’ ruith sa phàirc? Dè th’ ann ach “Briosgaid!”

Litir 445 Litir 445 Litir 447 Litir 447

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!