Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mun ghaisgeach Ghàidhealach, Finan MacDonald. Rugadh e ann an Cnòideart. Bha athair na thuathanach. Cò bha ann am Finan
MacDonald? Carson a bha e na ghaisgeach? Uill, bha e ainmeil airson sabaid le tarbh-allaidh, no bison, le a làmhan.
Chan eil mi cinnteach dè an t-ainm a bha air ann an Gàidhlig. Leugh mi mu dheidhinn dìreach ann am Beurla. Canaidh mi Fionghan MacDhòmhnaill ris.
Rugadh Fionghan ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1782). Dh’fhàg e fhèin is a theaghlach Alba nuair a bha e òg. Chaidh iad a dh’Ameireagaidh a
Tuath. Dh’fhàs e suas. Bha e gu math mòr. Bha e sia troighean is ceithir òirlich a dh’àirde. Bha falt fada ruadh agus feusag mhòr air. Fhuair e obair aig
Companaidh an Iar-thuath. Bha iadsan an sàs ann am malairt nam bian.
Fhuair Fionghan a-steach air treubh de dhùthchasaich. Phòs e tè dhiubh. Uaireannan bha e a’ sabaid airson an treubha.
Rinn e obair le luchd-rannsachaidh. Tha iad ag ràdh gum b’ e Fionghan a’ chiad duine – co-dhiù duine Eòrpach – a chaidh tarsainn nan Rockies trì
tursan.
Rinn Fionghan obair rannsachaidh airson an lus-eòlaiche Albannaich, Daibhidh Dùbhghlas. Chruinnich Dùbhghlas tòrr lusan. Cha robh na lusan sin aithnichte
anns an Roinn Eòrpa. Lorg e Giuthas an Dùbhghlasaich – an Douglas Fir. Fhuair Daibhidh bàs ann an Hawaii. Thuit e do shloc. Bha na daoine a’
glacadh crodh fiadhaich anns an t-sloc. Bha tarbh anns an t-sloc. Mharbh an tarbh Daibhidh bochd.
Ach bha eachdraidh Fhionghain eadar-dhealaichte. Nuair a bha e ceathrad ’s a còig bliadhna a dh’aois, chaidh a thilgeil far eich. Bha tarbh-allaidh mòr an
tòir air. Thionndaidh Fionghan. Rinn an tarbh is Fionghan carachd le chèile. Chaidh an dithis a ghoirteachadh. Ach mhair iad beò. Bha iad ag ràdh nach robh
duine eile air tighinn beò tro shabaid le tarbh-allaidh mòr mar sin.