Bha Johann von Lamont – no John Lamont – ainmeil mar reuladair. Bha e cuideachd ainmeil mar eòlaiche air iùil-tharraing. Chruthaich e uidheamachd airson
iùil-tharraing a thomhas. Rinn e obair mhòr air iùil-tharraing na Talmhainn. Rinn e rannsachadh air mar a ghluaiseas snàthad iùil-tharraingeach fo bhuaidh
na gealaich. Bha e gu math ainmeil ann an saoghal saidheans – air feadh an t-saoghail.
Chaidh an reuladair, an t-Iarla Crawford, a chèilidh air von Lamont. Bhruidhinn e ris ann an Gearmailtis. Ghabh e iongnadh nuair a fhreagair von Lamont ann
am Beurla, le blas Albannach.
Airson còrr is leth-cheud bliadhna, bha von Lamont a’ fuireach leis fhèin ann am baile beag faisg air Munich. Chaochail e an sin ann an ochd ceud deug,
seachdad ’s a naoi (1879). Bha airgead mòr aige sa bhanca. Cha do phòs e. Cha robh clann aige. Mar sin, thug e an t-airgead do dh’Oilthigh Mhunich. Bha sin
mar thaic-airgid do dh’oileanaich.
Bha iomradh air a bhàs anns na pàipearan-naidheachd anns a’ Ghearmailt. Leugh Bana-phrionnsa na Gearmailt iomradh air. B’ ise nighean Banrigh Bhictoria.
Sgrìobh i gu a màthair. Bha i ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont fhathast beò ann am Bràigh Mhàrr.
Bha fear à Bràigh Mhàrr ag obair don Bhanrigh ann am Windsor. Dh’iarr Bhictoria air rannsachadh a dhèanamh. Rinn e sin. Fhuair e a-mach gun robh nighean
agus oghaichean aig leth-phiuthar von Lamont fhathast beò.
Chaidh carragh-cuimhne do von Lamont a chur suas. Bha sin ann an Inbhir Èidh. Chaidh an carragh a chur suas ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir
(1934).
Ach tha von Lamont air a chuimhneachadh ann an àite eile. Tha an t-àite sin fada air falbh. Tha e air a’ ghealaich! Tha toll air uachdar na gealaich air a
bheil an t-ainm “Lamont”. Tha sin air Muir a’ Chiùineis – faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr, leis na ciad daoine riamh a choisich air a’ ghealaich.