FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alexander Stewart Alasdair Stiùbhart

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Stiùbhart

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn – ’S Math an Còcaire an t-Acras. Chaidh a sgrìobhadh le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr. Bha sin ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431), às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh.

Nise, bha dà bhlàr ainmeil air an làraich sin. Bha fear ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431). Agus bha fear eile ann an sia ceud deug, ceathrad ’s a còig (1645). An-dràsta, tha mi dìreach airson sùil a thoirt air an fhear anns a’ chòigeamh linn deug.

Co-dhiù, seo a’ chiad rann dhen dàn a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Bha am batail ann an Inbhir Lòchaidh eadar an Rìgh – Seumas I – agus na Dòmhnallaich. Bha Iarla Mhàrr air taobh an Rìgh. Ach chaill iad. Chaidh an t-iarla a leòn. Theich e bhon bhlàr. Bha e dà latha gun bhiadh.

Thachair e ri boireannaich a bha ri buachailleachd. Dh’iarr e air na boireannaich biadh a thoirt dha. ’S ann an uair sin a fhuair e fuarag eòrna. Mheasgaich e min-eòrna le uisge anns a’ bhròig aige fhèin. Am biadh as fheàrr a fhuair e riamh – oir is math an còcaire an t-acras.

Chuir an t-iarla aodach boireannaich air. Rinn e air Gleann Ruaidh. Fhuair e cuid-oidhche aig fear Ó Birein. Air an làrna-mhàireach, thug e taing mhòr do Ó Birein. Chaidh e dhachaigh gu Cionn Droma ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Ach ciamar a dh’èirich am batail anns a’ chiad dol a-mach? Uill, ann an ceithir cheud deug, fichead ’s a seachd (1427) bha coinneamh mhòr ann an Inbhir Nis. Dh’iarr an Rìgh air na cinn-chinnidh Ghàidhealach coinneachadh ris. Bha na cinn-chinnidh a’ smaoineachadh gun robh an Rìgh a’ dol a chur fàilte orra. Ach cha do chuir. Chaidh na cinn-chinnidh a chur an grèim. Chaidh feadhainn dhiubh a chur gu bàs. Chì sinn anns an ath Litir mar a dh’èirich Blàr Inbhir Lòchaidh air sgàth sin.

An Litir Bheag 123 An Litir Bheag 123 An Litir Bheag 125 An Litir Bheag 125

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!