FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair Stiùbhart

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Stiùbhart

Anns an Litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mun dàn – ’S Math an Còcaire an t-Acras, a chaidh a sgrìobhadh, a rèir aithris, le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr, ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431), às dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh. An t-seachdain seo tha mi airson tuilleadh innse dhuibh mu mar a sgrìobh an Stiùbhartach an dàn. Ach mus dèan mi sin, seo e a-rithist:

’S math an còcaire an t-acras,

’S mairg a nì tarcais air biadh,

Fuarag eòrn’ à sàil mo bhròige

Biadh as fheàrr a fhuair mi riamh.

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

Fhuaras sàth mòr de dh’fheòil air droch bhruich

O Ó Birein sa Bhreugaich

Bha am batail ann an Inbhir Lòchaidh – ann an Loch Abar – eadar feachd aig an Rìgh – Seumas I – agus feachd mhòr aig na Dòmhnallaich. Bha Iarla Mhàrr air taobh an Rìgh. Ach chaill iad. A rèir aithris chaidh an t-iarla a leòn na shliasaid. Theich e fhèin is sgalag aige bhon bhlàr. Chuir iad seachad dà latha air allaban ann am monaidhean Loch Abar gun bhiadh sam bith.

Thachair iad an uair sin ri boireannaich a bha ri buachailleachd. Dh’iarr iad air na boireannaich biadh a thoirt dhaibh. Agus mar a thathar ag ràdh air an treas loidhne dhen chiad rann, mheasgaich iad min-eòrna le uisge ann am bròg an iarla. Am biadh as fheàrr a fhuair e riamh oir is math an còcaire an t-acras.

Chuir an t-iarla aodach boireannaich air agus rinn e air Gleann Ruaidh. Air an oidhche sin fhuair e cuid-oidhche bho neach-taice ris an cante Ó Birein anns a’ Bhriagaich. Fhuair e feòil ach bha i air a droch bhruich – mar a dh’aithris e anns an dàn. Air madainn an làrna-mhàireach, thuirt an t-iarla ri Ó Birein, nan tigeadh ainneart sam bith air, nach leigeadh e leas ach thighinn chun a’ chaisteil aige ann an Cionn Droma agus gheibheadh e taic.

Uill, tro thìde, thachair sin. Bha Ó Birein ann an suidheachadh truagh agus chaidh e a Chionn Droma. Ach cha leigeadh an dorsair a-steach e. Dh’fhairich an t-iarla fuaim a’ chonnsachaidh eadar Ó Birein agus an dorsair, agus chaidh e a-mach. A rèir aithris, rinn e ath-chruthachadh air dàrna rann an dàin. Seo na thuirt e:

Oidhche dhomh bhith ann ad theach

Air mhòran bìdh ’s air bheag eudaich;

’S ionmhainn am fireann’ a tha a-muigh

Ó Birein às a’ Bhreugaich

Chuir an t-iarla fàilte is furan air Ó Birein agus chuir e dhachaigh e le trì fichead de chrodh bainne.

Uill, ’s e sin an dàn, agus an seanfhacal. Ach bu mhath leam rudeigin a ràdh mu Bhlàr Inbhir Lòchaidh fhèin. Bha dà bhlàr ainmeil air an làraich sin – fear ann an ceithir cheud deug, trithead ’s a h-aon (1431) agus fear eile ann an sia ceud deug, ceathrad ’s a còig (1645). An-dràsta, tha mi dìreach airson sùil a thoirt air an fhear anns a’ chòigeamh linn deug.

Ann an ceithir cheud deug, fichead ’s a seachd (1427) chaidh iarraidh air na cinn-chinnidh Ghàidhealach coinneachadh ann an Inbhir Nis. Bha an Rìgh gu bhith an làthair. Bha na cinn-chinnidh a’ smaoineachadh gum biodh an Rìgh a’ cur fàilte orra. Ach ’s ann air a’ chaochladh a bha e. Chaidh na ceannardan Gàidhealach a chur an grèim. Bha iad dhen bheachd gun deach an car a thoirt asta. Chì sinn mar a dh’èirich Blàr Inbhir Lòchaidh às a sin anns an ath Litir.

Litir 427 Litir 427 Litir 429 Litir 429

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!