Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann sgeulachd Èirig Fhinn no Fionn’s Reparation. An t-seachdain sa chaidh, bha am fear beag ann an
Rìoghachd nam Fear Mòra. Thug am marcaiche ionnsaigh air. Ach, ged a bha e beag, cha robh am fear beag lag.
Thug am fear beag a chlaidheamh a-mach. Mharbh e am marcaiche. Bha e airson faicinn dè bha am marcaiche a’ giùlan. Rinn e rannsachadh air a chorp. Lorg e
dà chìr agus sporan. Dh’fhosgail e an sporan. Anns an sporan bha sia fiaclan. Sia fiaclan aig Fionn Mac Cumhail. Chaidh am fear beag dhachaigh leis na
fiaclan.
Dh’fhaighnich fear de na bràithrean, “Dè chunnaic thu an-diugh?”
“Thàinig marcaiche orm,” thuirt am fear beag. “Thug e ionnsaigh orm. Ach mharbh mi e.”
“Dè lorg thu aige?” dh’fhaighnich na bràithrean.
“Lorg dà chìr agus sporan,” ars’ am fear beag, “Bha sia fiaclan anns an sporan.”
“Och och,” thuirt am bràthair as àirde. “Cha do rinn thu math riamh dhuinn. Ach rinn thu cron an-diugh. Mharbh thu an t-aon bhràthair a bh’ aig m’ athair.”
Thuirt am fear beag, “Tha mi coma.”
Thuirt fear eile de na bràithrean, “Bha iad ag ràdh gun robh fear a’ dol a thogail èirig Fhinn ’ic Cumhail. Agus bha esan a’ dol a thoirt saorsa dhuinn bho
shabaid is bho chogadh.”
Thuirt am fear beag gu robh èirig Fhinn aige. Mar sin bha e a’ falbh. Thug na bràithrean each luath dubh dha.
“Thoir ar naidheachd do ar piuthar, agus bidh i agad fhèin mar bhean,” thuirt na bràithrean ris.
Dh’fhalbh am fear beag. Bha e air an each. Chaidh an t-each thar a’ chuain. Aig beul na h-oidhche bha am fear beag còmhla ri Fionn Mac Cumhail.
Dh’fhaighnich e de Fhionn ’s de cho-dhaltan an d’ fhuair iad an èirig. Fhreagair iadsan, “Cha d’ fhuair.”
Thug am fear beag an sporan a-mach. Dh’fhosgail e an sporan. Thug e na sia fiaclan a-mach. Thuirt e ri Fionn, “Tha d’ èirig an sin, ’s cha d’ fhuair do
cho-dhaltan e.”
Uill, sin agaibh Èirig Fhinn. Ach rinn mise sìmplidh i. Ma tha sibh ag iarraidh a leughadh air fad, ann an Gàidhlig agus Beurla, tha i ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness, iris còig-deug (XV). Mar sin leibh an-dràsta.