FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

’S i an aon chànan Am beul nam bàrd ’s

Audio is playing in pop-over.

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

’S i an aon chànan

Am beul nam bàrd ’s nan èisg

As fheàrr gu càineadh

O linn Bhabel fhèin.

’S i as fheàrr gu moladh

’S as torrannaiche gleus

Gu rann no laoidh

A tharraing gaoth tro bheul.

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

Sin earrann agaibh dhen dàn aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair – Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig. Chaidh fhoillseachadh an toiseach ann an seachd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1751).

An robh am bàrd dha-rìribh mu na sgrìobh e? An robh e dha-rìribh dhen bheachd gun robh a’ Ghàidhlig os cionn a h-uile cànain eile san Roinn Eòrpa? Nas fheàrr gu càineadh is nas fheàrr gu moladh? Uill, ’s dòcha nach robh. Faisg air deireadh an dàin tha e ag ainmeachadh “MhicComb, an t-ùghdar mòr ri luaidh”. Is e seo an t-Urramach Daibhidh Malcolm a bha na mhinistear ann an Duddingston faisg air Dùn Èideann anns na bliadhnaichean ro sheachd ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1741).

Sgrìobh Malcolm air gnothaichean àrsaidh agus chuir e air adhart a bheachd gun robh ceanglaichean ann eadar a’ Ghàidhlig agus Laideann, a’ Ghreugais agus cànan nan Innseanach Darianach ann am Meadhan Ameireagaidh. ’S dòcha gun robh Alasdair, ged a bha e moiteil às a’ chànan aige, ri beagan fealla-dhà nuair a sgrìobh e an dàn. Seo an earrann sin a-rithist:

’S i an aon chànan

Am beul nam bàrd ’s nan èisg

As fheàrr gu càineadh

O linn Bhabel fhèin.

’S i as fheàrr gu moladh

’S as torrannaiche gleus

Gu rann no laoidh

A tharraing gaoth tro bheul.

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

Tha an samhradh ann an-dràsta, ged a bhiodh e doirbh sin aithneachadh, ’s dòcha, ann am mòran sgìrean de dh’Alba. ’S e an samhradh seusan nam flùraichean agus is toigh leam an dualchas Gàidhlig a tha co-cheangailte ris na lusan a tha dùthchasach do dh’Alba. Bha mi a’ leughadh dàn eile aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair o chionn ghoirid – fear a tha gu math freagarrach airson an àm seo dhen bhliadhna. Is e sin Òran an t-Samhraidh.

Anns an dàn tha am bàrd ag ainmeachadh cuid de na lusan air a bheil mi eòlach agus as toigh leam. Seo iad agus bheir mi dìreach a’ Ghàidhlig dhuibh, feuch gum bi sibh gan aithneachadh: creamh, sòbhrach, ròs, neòinean, fraoch, biadh-eunain agus feada-coille.

An robh sibh eòlach air feadhainn dhiubh? Seo a-rithist iad agus bheir mi an t-ainm Beurla dhuibh cuideachd an turas seo: creamh, no wild garlic, sòbhrach, no primrose, ròs, rose, neòinean, daisy, fraoch, heather (fhuair sibh sin tha mi an dùil), biadh-eunain, wood sorrel, agus feada-coille. Nise tha mi a’ dèanamh dheth gur e feada-coille am wood sorrel cuideachd – Oxalis acetosella. Carson a thagh Mac Mhaighstir Alasdair dà ainm airson an aon luis anns an aon dàn? Uill, ’s dòcha ri linn-sa gun robh an dà ainm sin a’ ciallachadh dà lus eadar-dhealaichte. Ma tha fios aig duine agaibh air sin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh.

Bha aon lus eile ainmichte ann an Òran an t-Samhraidh – crios Chuchulainn. Crios Chuchulainn. A bheil sibh eòlach air? Tha an t-ainm Beurla snog gu leòr – ’s e sin meadowsweet. Ach tha an t-ainm Gàidhlig fichead turas nas fheàrr! A bheil sibh eòlach air Cuchulainn? Chan eil? Feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn sin anns an ath Litir!

Litir 422 Litir 422 Litir 424 Litir 424

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!