Bidh deich bliadhna ann an ath-mhìos bhon a fhuair muinntir Eige sealbh air an eilean aca. Bha iad ag iarraidh an t-eilean a cheannach bhon uachdaran,
Keith Schellenberg. Ach cha robh esan deònach a reic dhaibh. Anns a’ Mhàrt naoi ceud deug, naochad ’s a còig (1995), chuala na h-Eigich droch naidheachd.
Bha an t-eilean air a reic.
Reic Keith Schellenberg Eige airson £1.6 millean. Cheannaich neach-ealain Gearmailteach e. B’ esan Marlin Eckhart. ’S e am far-ainm a bh’ air – Maruma.
Cò bh’ ann am Maruma? Bha cuid ag ràdh gur e adhradair-teine a bh’ ann. Cha robh fios aig daoine ciamar a fhuair e an t-airgead aige. Is cha robh fios aca
carson a cheannaich e Eige.
’S e fear mòr a bh’ ann. Bha e a’ smocadh fad na h-ùine. Gheall e airgead mòr a chosg air an eilean. Ach cha robh daoine cinnteach mu dheidhinn. Thachair
seo mus robh Pàrlamaid na h-Alba ann am bith. Ach nochd an suidheachadh ann an Taigh nan Cumantan. Ge-tà, cha do rinn an Riaghaltas ann an Lunnainn dad.
Anns an Iuchar, naoi ceud deug, naochad ’s a sia (1996), nochd Eige air a’ mhargaidh a-rithist. Bha Maruma ag iarraidh £2 mhillean. Anns an Lùnastal,
thòisich Urras Eige air airgead a chur ri chèile airson an t-eilean a cheannach. Thàinig na mìltean notaichean a-steach. Thàinig an t-airgead bho dhaoine
air feadh an t-saoghail.
As t-Samhain bha £1.2 millean aig an Urras. Ach cha robh sin gu leòr do Mharuma. Dhiùlt e an tagradh. Dh’fhàg e an t-eilean air a’ mhargaidh. Bha e
fhathast ag iarraidh £2 mhillean not. Ach bha a’ chùis a’ tighinn gu ceann. Bha neach-creideis aig Maruma ag iarraidh airgead air ais. B’ e sin airgead a
thug e do Mharuma mar iasad. Reic Maruma an t-eilean airson an t-airgead fhaighinn.
Anns a’ Ghiblean, naoi ceud deug, naochad ’s a seachd (1997), chuir Urras Eige £1.5 millean air a’ bhòrd. Chaidh gabhail ris. Fhuair na daoine sealbh air
an eilean air an dàrna latha deug dhen Ògmhios. Bha ceilidh mòr mòr aca air an oidhche sin!