Tha sinn a’ comharrachadh, anns an Litir, gum bi deich bliadhna ann an ath-mhìos bhon a fhuair muinntir Eige sealbh air an oighreachd aca. Bha iad an
dòchas an t-eilean a cheannach bhon uachdaran a bh’ aca anns na naochadan, Keith Schellenberg. Ach cha robh esan deònach a reic dhaibh. Anns a’ Mhàrt naoi
ceud deug, naochad ’s a còig (1995), mu ochd mìosan an dèidh do dh’Urras Eige dhol ann an làmhan nan eileanach, chuala na h-Eigich droch naidheachd. Bha an
t-eilean air a reic.
Bha duilgheadasan ionmhais aig Keith Schellenberg, às dèidh sgaradh-pòsaidh a bhith aige. Reic e an t-eilean airson £1.6 millean. ’S e am fear a cheannaich
e neach-ealain Gearmailteach air an robh Marlin Eckhart. Ach bha daoine na b’ eòlaiche air fon fhar-ainm aige, Maruma.
Bha e doirbh fiosrachadh fhaighinn mu Mharuma. Bhathar ag ràdh gur e adhradair-teine a bh’ ann agus gun do leugh e an t-ainm Maruma nuair a bha e a’
coimhead ann an lòn ann an Abu Dhabi. Cha robh fios aig duine ciamar a fhuair e sùim airgid mòr gu leòr airson oighreachd a cheannach. Is cha robh fios aca
carson a cheannaich e i.
Chaidh Maruma a dh’Eige
. Bha e air a bhith ann dìreach aon turas roimhe, a rèir choltais. Fear mòr a bh’ ann, a bha a’ smocadh fad na h-ùine. Bha luchd-naidheachd a’ dèanamh
rannsachadh air, agus bha iadsan a’ cumail a-mach nach robh airgead mar sin aige ann. Mar sin, lean Urras Eige air, feuch an oighreachd a
cheannach – a-nise bho Mharuma.
Thachair a h-uile càil a tha seo mus robh Pàrlamaid na h-Alba ann am bith. Bha Riaghaltas Tòraidheach ann an Lunnainn. Cha robh iad deònach an siostam de
dh’uachdranachd phrìobhaideach air a’ Ghàidhealtachd atharrachadh, eadhon le bhith a’ toirt taic don choimhearsnachd airson an t-eilean a cheannach. Ach
bha Eige air aire luchd-poilitigs. Nochd suidheachadh an eilein turas no dhà ann an Taigh nan Cumantan.
Anns an Iuchar, naoi ceud deug, naochad ’s a sia (1996), chaidh Eige a chur air ais air a’ mhargaidh. Bha Maruma ag iarraidh £2 mhillean air. Anns an
Lùnastal, chuir Urras Eige iomairt air chois airson airgead a chur ri chèile a leigeadh leotha an t-eilean a cheannach. Thàinig na mìltean notaichean
a-steach bho dhaoine air feadh an t-saoghail.
Bha eadhon an Riaghaltas ann an Lunnainn a’ toirt aire don ghnothach a-nis. Chaidh Rùnaire na h-Alba, Mìcheal Forsyth, don eilean as t-Sultain. Dhearbh e
gun robh e a’ tuigsinn gum b’ urrainn buannachdan tighinn bho shealbh coimhearsnachd ann an àite mar Eige.
As t-Samhain bha £1.2 millean aig an Urras. Ach cha robh sin gu leòr do Mharuma agus dhiùlt e an tagradh. Dh’fhàg e an t-eilean air a’ mhargaidh, agus £2
mhillean not air fhathast. Ach bha a’ chùis a’ tighinn gu ceann oir bha neach-creideis aig Maruma ag iarraidh airgead air ais a thug e mar iasad don
neach-ealain Ghearmailteach. B’ e reic an eilein an aon dòigh airson an t-airgead fhaighinn.
Tràth sa Ghiblean, naoi ceud deug, naochad ’s a seachd (1997), chuir Urras Eige £1.5 millean air a’ bhòrd. Chaidh gabhail ris. Agus fhuair na daoine sealbh
air an eilean, mu dheireadh thall, air an dàrna latha deug dhen Ògmhios. Thathar fhathast a’ bruidhinn mun cheilidh a bh’ aca an oidhche sin!