Bha mi ag innse dhuibh mu Chalum Beag an t-seachdain sa chaidh. Bha Calum a’ fuireach anns na Srianan no Streens of Findhorn. Bha e mì-chliùiteach
airson a bhith a’ goid sprèidh.
Cha robh aige ach aon each – fear sean, bàn. Bha e feumach air each na b’ fheàrr oir bha aige ri tòrr treabhaidh a dhèanamh. Mharbh e an t-each aige. Thug
e an t-seiche dheth agus thiodhlaic e an closach.
Air an ath oidhche, choisich e gu ruige tuathanas ann am baile eile air taobh thall na h-aibhne. Chaidh e don stàball agus thug e a-mach leis an t-each a
b’ fheàrr a bh’ ann. ’S e each donn a bh’ ann. Chaidh e dhachaigh leis.
Chuir e an t-seiche bhàn air an each dhonn. Le fuaigheal sgileil, bha e a’ coimhead coltach ri each bàn. Cha b’ urrainn don tuathanach an t-each donn aige
a lorg.
Rinn Calum an treabhadh leis. An uair sin, thug e an t-seiche dheth agus thug e an t-each donn air ais don stàball. Madainn a bha seo, lorg an tuathanach
an t-each aige san stàball a-rithist. Bha e slàn fallain.
Bha nàbaidh aig Calum a bha spìocach. Latha a bha seo, dh’iarr e air Calum thighinn suas airson muc a spadadh dha. “Leis gu bheil i cho beag,” thuirt an
nàbaidh, “cha b’ urrainn dhomh dad dhith a thoirt seachad ach a-mhàin cas dheiridh a bheir mi dhut fhèin. Ach dè a’ chomhairle a bheireadh tu dhomh gus
nach bi càch anns an nàbaidheachd an dùil pìos feòla fhaighinn bhuam?”
Bha Calum a’ faicinn cothrom dha fhèin. “Cuir an closach gu lèir don abhainn air beulaibh an taigh agad a-nochd,” thuirt e. “Fàsaidh e fuar is bidh sin
math don fhèoil. Faodaidh tu coiseachd sìos don taigh againn a-màireach leis an naidheachd gun deach a’ mhuc agad a ghoid. Can sin ri duine sam bith a
choinnicheas riut.”
Uill, dh’aontaich an duine bochd sin a dhèanamh. Ach tha fhios nach do chuir Calum Beag seachad an oidhche gu lèir na leabaidh! Air an làrna-mhàireach, cha
robh sgeul air closach na muice san abhainn. Chaidh an duine gu taigh Chaluim. “Chaidh a’ mhuc agam a ghoid,” thuirt e.
“Seadh, seadh,” arsa Calum ris, “agus dèan cinnteach gun cum thu ris an sgeul sin nuair a choinnicheas tu ri daoine eile.”
“Ach ’s e an fhìrinn a th’ agam,” thuirt an nàbaidh a-rithist. “Chaidh a goid ann an dha-rìreabh.”
“Seadh, seadh, tha fhios a’m,” thuirt Calum, agus is iongantach mura phriob e a shùil ris an fhear eile!
Turas eile ghoid Calum mart bho mhuillear ann an Allt Èireann. Chaidh Calum ann, le a ghearran na chois, airson min a cheannach. Fhuair e a’ mhin. Ach bha
e faisg air ciaradh an fheasgair, agus thug am muillear cuireadh dha fuireach airson na h-oidhche.
Ann am meadhan na h-oidhche nuair a bha a h-uile duine eile nan cadal, chaidh Calum a-mach don stàball. Cheangail e am mart a b’ fheàrr aig a’ mhuillear ri
a ghearran, chuir e a’ mhin air muin a’ ghearrain agus dh’iarr e air dhol dhachaigh. Cheangail e sguab ri earball a’ mhairt airson lorgan-coise nam
beathaichean a sgrios. Dh’fhalbh an dà bheathach agus chaidh Calum air ais do a leabaidh ann an taigh a’ mhuilleir.
Anns a’ mhadainn bha ùpraid ann mu chall nam beathaichean. Thug Calum a’ chreidsinn gun robh e feargach mu chall a ghearrain agus cha b’
urrainn don mhuillear dearbhadh nach robh e air a bhith na shuain fad na h-oidhche.