Fàilte chrìdheil oirbh uile. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh anns a’ chiad Litir seo mu Iain Dubh Mac Dhòmhnaill ’ic Iain. ’S e sgrìobhadair a bh’ ann.
Rugadh e ann an Geàrrloch. Ach bha e a’ fuireach ùine mhòr ann an Astràilia – ann am Brisbane.
Là a bha seo, bha Iain a’ coiseachd seachad air bùth ann am Brisbane. Anns an uinneig, chunnaic e pàipear-naidheachd à Alba. ’S e an t-ainm a bh’ air The People’s Journal. Ann an Gàidhlig ’s e sin Teachdaire an t-Sluaigh. Teachdaire an t-Sluaigh. Cheannaich Iain e.
Oidhche a bha seo, chaidh Iain gu cèilidh ann am Brisbane. Dh’iarr fear an taighe air a h-uile duine rann no òran a ghabhail, no sgeulachd innse. Cha robh
dad mar sin aig Iain ann am Beurla. Bha a h-uile nì mar sin aige ann an Gàidhlig a-mhàin. Thuirt Iain ri fear an taighe nach robh rann no òran aige. Ach
cha do ghabh fear an taighe ri sin. Dè bha Iain a’ dol a dhèanamh? Bha a h-uile nì aige ro fhada.
Smaoinich e agus smaoinich e. Mu dheireadh, chuimhnich e air rann bheag. Rudeigin a leugh e ann am pàipear-naidheachd. Dè am pàipear-naidheachd? Seadh –
Teachdaire an t-Sluaigh. Seo an rann.
Bha bodach am Baile Obair Pheallaidh
’S a thaigh air a thughadh le bealaidh,
Ach dh’èirich gaoth gheur,
’S bha an tughadh san speur,
’S thuirt a’ chailleach, ‘ho-rè, dèan taigh-geal dheth’!
An do thuig sibh sin? Bha taigh aig bodach. ’S e tughadh a bh’ aige air mullach an taighe. ’S e “taigh dubh” a bh’ ann. Ach cha robh bealaidh math air
mullach taighe. Dh’èirich a’ ghaoth. Dh’fhalbh an tughadh. An robh bean a’ bhodaich – “a’ chailleach” – mì-thoilichte? Cha robh! Bha i toilichte! Oir
bhiodh mullach ùr aice a-nise. Mullach le sglèatan. Bhiodh “taigh geal” aice an àite taigh dubh. Seo an rann a-rithist:
Bha bodach am Baile Obair Pheallaidh
’S a thaigh air a thughadh le bealaidh,
Ach dh’èirich gaoth gheur,
’S bha an tughadh san speur,
’S thuirt a’ chailleach, ‘ho-rè, dèan taigh-geal dheth’!
Sin agaibh a’ chiad Litir Bheag bhuam. Mar sin leibh an-dràsta.