68: A Double Grammar of English and Gaelic. (1) 68: Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (1)
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig (1)
Tha leabhar math agam an-dràsta. Chan ann leamsa a tha e, gu mì-fhortanach. Tha e le caraid dhomh. Tha e agam air iasad. Bidh mo charaid ga iarraidh air ais. Tha an leabhar gu math sean. Tha e gu math luachmhor, tha mi a’ smaoineachadh.
’S e an tiotal a th’ air Gràmar Dùbailt: Beurla is Gàidhlig. No ann am Beurla: A Double Grammar of English and Gaelic. ’S e Iain Foirbeis, John Forbes, a sgrìobh e. Bha Foirbeis na mhaighstir-sgoile ann an Cille Chuimein. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843) ann an Dùn Èideann. Chosg e ceithir tastain.
An toigh leibh leabhraichean gràmair? ’S dòcha nach toil. Ach ’s toigh leams’ iad. Tha gràmar inntinneach dhomh. Ann an gràmar chì thu beagan de dh’eachdraidh a’ chànain.
Do dhaoine nach eil measail air gràmar, bidh mi ag ràdh seo riutha. Is toigh leam coilltean. Is toigh leam a bhith a’ coiseachd ann an coilltean. Chì mi bòidhchead na coille. Ach ’s toigh leam cuideachd na lusan anns a’ choille. Chì mi bòidhchead anns gach lus. Chì mi bòidhchead anns an dòigh anns a bheil na lusan suidhichte còmhla.
Agus na beathaichean. Bidh nead sheangan an-còmhnaidh fo chraobh ghiuthais ann an àite tioram. Cha bhi e anns a’ mhonadh fhosgailte no ann am boglach. Tha sin mar riaghailt gràmair, nach eil? Agus chan eil an t-eòlas sin a’ toirt bòidhchead air falbh bhon choille, a bheil?
Tha cànan mar sin cuideachd. Chì sinn bòidhchead ann an cànan. Chì sinn bòidhchead ann am bàrdachd is rosg. Tha bòidhchead anns an fhuaimneachadh is ann an ruitheam nam faclan. Ach chì sinn cuideachd bòidhchead anns an dòigh anns a bheil na faclan a’ dol còmhla.
Is toigh leam an liosta de chlisgearan aig Foirbeis. ’S e clisgear a’ Ghàidhlig air interjection. Clisgear. Seo eisimpleirean: slàn leat! airson adieu! Slàn leat. Mo thruaighe! airson alack! Mo thruaighe. Ist! no tosd! airson hush! Ist! no tosd! Ochòin! airson alas! Ochòin! Och nan ochan airson woe of woes! Och nan ochan! Agus mo chreach! airson my ruin, alas! Mo chreach!
A-nise, tha mi duilich, ach feumaidh mi falbh. Ochòin! Slàn leibh!
Faclan is abairtean: chan ann leamsa a tha e: it’s not mine; gu mì-fhortanach: unfortunately; tha e le caraid dhomh: it belongs to a friend of mine; air iasad: on loan; luachmhor: valuable; Cille Chuimein: Fort Augustus; chaidh an leabhar fhoillseachadh: the book was published; ceithir tastain: four shillings; ’s dòcha nach toil: perhaps you don’t [like]; chì thu beagan de dh’eachdraidh a’ chànain: a little bit of the language’s history; nach eil measail air: who don’t particularly like; bidh mi ag ràdh seo riutha: I say this to them; chì mi bòidhchead na coille: I [can] see the forest’s beauty [chì is actually the future tense of the verb faic, to see, meaning “will see” but it also stands for “can see”]; na lusan: the plants; an dòigh anns a bheil na lusan suidhichte còmhla: the manner in which the plants are arranged together; bidh nead sheangan an-còmhnaidh fo chraobh ghiuthais: an ant’s nest is always [to be found] under a Scots pine tree; ann an àite tioram: in a dry place; anns a’ mhonadh fhosgailte: on the open hill; boglach: bog; riaghailt gràmair: grammatical rule; chan eil an t-eòlas sin a’ toirt bòidhchead air falbh: that knowledge doesn’t take beauty away; ann am bàrdachd is rosg: in poetry and prose; anns an fhuaimneachadh is ann an ruitheam nam faclan: in the sounding and the rhythm of the words; tha mi duilich, ach feumaidh mi falbh: I’m sorry, but I must go; slàn leibh!: cheerio!.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 372
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn