ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

38: Saint Nachlan 38: Naomh Nachlan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Naomh Nachlan

Gaelic Gàidhlig

Bha an Naomh Nachlan san Ròimh. Bha gàirdean aige glaiste ri a chois. Bha sin mar pheanas. Thilg e an iuchair airson na glaise don abhainn – Uisge Dè. Bha sin ann am Poll na h-Iuchrach.

Nuair a bha e san Ròimh, cheannaich Nachlan iasg. Am broinn an èisg lorg e iuchair. An aon iuchair a thilg e don abhainn ann an Alba. ’S e mìorbhail a bh’ ann. Thug Nachlan taing do Dhia.

Chuala am Pàp mun mhìorbhail. Chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air. Chaidh Nachlan ann. Dh’iarr am Pàp air Nachlan fuireach san Ròimh greis. Rinn e easbaig dheth.

Nuair a thill e a dh’Alba, thog Nachlan eaglais anns an Tulaich. Thog e dà eaglais eile ann an Siorrachd Obair Dheathain cuideachd. Bha tè dhiubh ann am Mealdruim. Bha Nachlan cliùmhor anns an sgìre sin. Shàbhail e na daoine an sin bho phlàigh. Rinn e sin le bhith a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean.

Ach tha na ceanglaichean aige don Tulaich nas làidire. Ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a h-aon (1541), stèidhich Righ Seumas V fèill do Nachlan. Bha sin air an ochdamh là dhen Fhaoilleach anns an Tulaich.

Chaidh eaglais ùr a thogail air làrach seann eaglais an Naoimh Nachlain. An-diugh ’s e tobhta a th’ innte. Tha an eaglais sin ainmeil – airson port fìdhle. Didòmhnaich a bha seo, bha fìor dhroch shìde ann. Bha am ministear dhen bheachd nach biodh coitheanal ann. Bha e a’ smaoineachadh gum biodh a h-uile duine a’ fuireach aig an taigh. Dh’fhuirich esan sa mhansa. Cha deach e don eaglais.

Ach chaidh gu leòr eile don eaglais. Bha iad a’ feitheamh ris a’ mhinistear. Ach cha tàinig e. Bha i eagallach fuar anns an eaglais. Chaidh bonaid timcheall airson airgead. Chaidh feadhainn de na gillean sìos an rathad gu taigh-seinnse. Thug iad uisge-beatha air ais don eaglais. Thug iad fìdhlear cuideachd.

Thòisich feadhainn air dannsadh san eaglais. Bha port ùr aig an fhìdhlear. Agus bha dannsa ùr aig na daoine. ’S e an t-ainm a th’ air a’ phort “Ruidhle an Tulaich” – the Reel of Tulloch – agus ’s ann mar sin a thòisich e.

Faclan is abairtean: bha an Naomh Nachlan san Ròimh: Saint Nachlan was in Rome; bha gàirdean aige glaiste ri a chois: an arm of his was tied to his leg; peanas: punishment; thilg e an iuchair ann an Uisge Dè: he threw the key in the River Dee; Poll na h-Iuchrach:the pool of the key; cheannaich Nachlan iasg: Nachlan bought a fish; am broinn an èisg lorg e iuchair: inside the fish he found a key; mìorbhail: miracle; chuir e fios gu Nachlan dhol a chèilidh air:he sent a message to Nachlan to visit him; dh’iarr am Pàp air Nachlan fuireach san Ròimh greis: the Pope asked Nachlan to stay in Rome for a while; rinn e easbaig dheth: he made him a bishop; thog e dà eaglais eile ann an Siorrachd Obair Dheathain: he built two other churches in Aberdeenshire; bha tè dhiubh ann am Mealdruim: one of them was in Old Meldrum; cliùmhor:renowned; shàbhail e na daoine bho phlàigh: he saved the people from a plague; a’ cuairteachadh na paraiste air a ghlùinean:circumnambulating the parish on his knees; ceanglaichean: ties; stèidhich Righ Seumas V fèill: King James V established a feast day; air an ochdamh là dhen Fhaoilleach: on 8 January; ’s e tobhta a th’ innte: it is a ruin; airson port fìdhle: for a fiddle tune; Didòmhnaich a bha seo: this particular Sunday; bha fìor dhroch shìde ann:there was terrible weather; bha am ministear dhen bheachd nach biodh coitheanal ann:the minister thought there would be no congregation; sa mhansa: in the manse; a’ feitheamh ris: waiting for; eagallach fuar: terribly cold; chaidh feadhainn de na gillean sìos an rathad gu taigh-seinnse: some of the lads went down the road to an inn; thug iad uisge-beatha air ais: they took back whisky; bha port ùr aig an fhìdhlear: the fiddler had a new tune; bha dannsa ùr aig na daoine: the people had a new dance.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 342

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile