FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Young Donald Farquharson Dòmhnall Òg MacFhearchair

An t-seachdain sa chaidh, bha sinn anns an Tulaich. Tha

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Òg MacFhearchair

An t-seachdain sa chaidh, bha sinn anns an Tulaich. Tha sin ann an Siorrachd Obair Dheathain. Faisg air an Tulaich tha Mòine Ailtridh. Anns an t-seachdamh linn deug, bha duine ainmeil a’ fuireach ann am Mòine Ailtridh. B’ esan Dòmhnall Òg MacFhearchair. ’S e saighdear math a bh’ ann. Bha e sgileil le claidheamh.

Ann an sia ceud deug is ceathrad (1640), chaidh Dòmhnall a Lunnainn. Bha mòran ann an Lunnainn a’ bruidhinn mu Eadailteach. Bha an t-Eadailteach sin a’ fuireach anns a’ bhaile. Bha e sgileil le claidheamh. Bha e ag ràdh gum b’ esan am fear as sgileile air an t-saoghal.

Cha robh muinntir Lunnainn measail air an Eadailteach. Bha e ro àrdanach. Cha robh an rìgh measail air. Bha gràin aig an rìgh air. Bha an t-Eadailteach a’ sabaid leis a h-uile duine. Chuir an t-Eadailteach eagal orra. Bha e an-còmhnaidh a’ buannachadh. Bha cuid ag ràdh gun robh draoidheachd aige.

Chuala an rìgh mu Dhòmhnall Òg MacFhearchair à Mòine Ailtridh. Fhuair e fios gu robh Dòmhnall ann an Lunnainn. Dh’iarr e air Dòmhnall dhol don lùchairt aige. Chaidh Dòmhnall ann.

Air an rathad don lùchairt, thachair Dòmhnall ris an Eadailteach. Mharbh Dòmhnall fear de na companaich aig an Eadailteach. Bha an t-Eadailteach feargach. Dh’aontaich iad sabaid an ath là. Bha an rìgh toilichte. Gheall e duais don Albannach airson an t-Eadailteach a mharbhadh.

Air an oidhche sin, lorg Dòmhnall fear-frithealaidh an Eadailtich. Fhuair e a-mach gu robh draoidheachd aig an Eadailteach. Nuair a bha claidheamh air a thoirt a-mach às a’ bhodhaig aige, bha an lot a’ falbh. Cha robh toll sam bith ann. Bha an t-Eadailteach an-còmhnaidh a’ buannachadh mar sin.

Thàinig an ath là. Bha an t-Eadailteach agus an t-Albannach a’ sabaid. Shàth Dòmhnall Òg an t-Eadailteach le chlaidheamh. “Tarraing do chlaidheamh a-mach!” thuirt an t-Eadailteach. Ach bha cuimhne aig Dòmhnall air na thuirt am fear-frithealaidh. Dh’fhàg e an claidheamh ann. Thuit an t-Eadailteach marbh.

Thug an rìgh poca òir do Dhòmhnall. Bha sin mar dhuais airson an t-Eadailteach a mharbhadh. Thill Dòmhnall a dh’Alba. Bha cogadh a’ dol eadar Muinntir a’ Chùmhnaint agus luchd-taic an rìgh. Dhìon Dòmhnall agus Clann ’ic Fhearchair baile Obair Dheathain. Bha sin an aghaidh Muinntir a’ Chùmhnaint. Ach fhuair saighdearan Cùmhnantach grèim air Dòmhnall. Mharbh iad e. Chaidh a thiodhlacadh ann an Obar Dheathain.

An Litir Bheag 38 An Litir Bheag 38 An Litir Bheag 40 An Litir Bheag 40

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!