ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

31: Reverend Norman MacLeod 31: An t-Urramach Tormod MacLeòid

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

An t-Urramach Tormod MacLeòid

Gaelic Gàidhlig

Seo stòiridh mu Thormod MacLeòid, an t-Urramach Tormod MacLeòid. Bha Tormod a’ fuireach ann am Baile Anna ann an Eilean Cheap Bhreatainn. Bha e ainmeil. Bha na daoine a’ toirt spèis dha. Bha e cumhachdach. Ach rinn e mearachd.

Bha fear a bha seo anns an sgìre sin a’ coiseachd air an rathad. Thachair e ri ceannaiche. Bha an ceannaiche a’ reic rudan. Cheannaich am fear rudan bhon cheannaiche. Ach cha robh airgead aige. Bha an t-airgead anns an taigh. Bha e ann an sporan. Agus bha an sporan ann an ciste.

Chaidh an dithis don taigh. Thug an duine an sporan a-mach. Thug e an t-airgead don cheannaiche. Chuir e an sporan air ais. Dh’fhalbh an dithis.

Às dèidh greis air an rathad, dh’fhalbh an ceannaiche. Chaidh am fear eile a dh’obair. Thill e dhachaigh feasgar. Cha robh sgeul air an sporan. Cha robh an sporan anns a’ chiste. Bha cuideigin air a ghoid.

Bha na fir a’ smaoineachadh gur e balach òg a ghoid an sporan. Bha am balach sin a’ fuireach an ath dhoras. Thuirt am balach uair is uair nach do ghoid e an sporan.

Mu dheireadh, thuirt na fir gu robh am balach a’ dol a chadal anns a’ chladh. Bha iad a’ dol ga ghlasadh anns a’ chladh airson na h-oidhche. Bha an t-eagal mòr air a’ bhalach. Agus thuirt e gun do ghoid e an sporan.

Rinn Tormod MacLeòid co-dhùnadh. ’S e co-dhùnadh cruaidh a bh’ ann. Gheàrr na daoine pàirt de chluas a’ bhalaich dheth. Rinn iad sin sa spot. Bha mòran anns a’ choimhearsnachd mì-thoilichte mu dheidhinn.

Seachdain às dèidh sin thuirt cuideigin gum fac’ e an ceannaiche air an là a chaidh an sporan a ghoid. Bha an ceannaiche a’ dol tro uinneag an taighe. Thuirt an ceannaiche gun do thill e don taigh. Thuirt e gun do ghoid esan an sporan.

Bha fear-lagha ann an Suidni deònach Tormod a thoirt gu lagh. Ach dhiùlt athair a’ bhalaich sin a dhèanamh.

Faclan is abairtean: an t-Urramach Tormod MacLeòid: Rev. Norman MacLeod; Baile Anna ann an Eilean Cheap Bhreatainn: St Ann’s on Cape Breton Island; ainmeil:famous; bha na daoine a’ toirt spèis dha: the people respected him; mearachd: mistake; thachair e ri ceannaiche: he met a pedlar; a’ reic rudan: selling things; bha an t-airgead anns an taigh: the money was in the house; bha an sporan ann an ciste: the purse was in a chest; an dithis: the two people; thug e an t-airgead don cheannaiche:he gave the money to the pedlar; às dèidh greis air an rathad: after a short while on the road; dh’fhalbh an ceannaiche:the pedlar left; thill e dhachaigh feasgar: he returned in the afternoon; cha robh sgeul air an sporan:there was no sign of the purse; bha cuideigin air a ghoid: somebody had stolen it; bha am balach a’ fuireach an ath dhoras: the boy was living next door; uair is uair: time after time; nach do ghoid e an sporan: that he didn’t steal the purse; a’ dol a chadal anns a’ chladh: going to sleep in the cemetery; glasadh: locking; bha an t-eagal mòr air a’ bhalach: the boy was very frightened; ’s e co-dhùnadh cruaidh a bh’ ann: it was a cruel decision; gheàrr na daoine pàirt de chluas a’ bhalaich dheth: the men cut off part of the boy’s ear; rinn iad sin sa spot: they did that immediately; mì-thoilichte: unhappy; thuirt cuideigin gum fac’ e an ceannaiche: somebody said he saw the pedlar; bha e a’ dol tro uinneag an taighe:he was going through the house’s window; bha fear-lagha ann an Suidni deònach Tormod a thoirt gu lagh:a lawyer in Sydney (Cape Breton) was willing to take Norman to law (ie to court); dhiùlt athair a’ bhalaich sin a dhèanamh: the boy’s father refused to do that.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 335

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile