FaclairDictionary EnglishGàidhlig

17: A celtic group in California 17: Buidheann Cheilteach ann an California

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Buidheann Cheilteach ann an California

Gaelic Gàidhlig

Chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois ann an California o chionn ceud bliadhna. ’S e an t-ainm a bh’ oirre The Celtic Club of Los Angeles.

’S e dithis a stèidhich an cluba – fear à Alba agus fear à Èirinn. Thuirt iad gur e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal a bh’ ann. Bha iad a’ cur fàilte air daoine bho Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Eilean Mhanainn agus A’ Bhreatainn Bheag.

Chan eil fhios agam a bheil sin fìor, no a bheil an cluba fhathast a’ dol. Ach chuala mi naidheachd èibhinn mu fhear Èireannach ann an California. Cha robh e ann an Los Angeles, ge-tà. Bha e ann an San Francisco. Bha am fear seo aig ceann buidheann de luchd-turais. Bha iad a’ siubhal ann am bus.

Là a bha seo, chuir fear dhen luchd-turais ceist air an Èireannach: “A bheil Gaeilge agaibh?”

Fhreagair an t-Èireannach, “Tha gu leòr.” Ach chan e an fhìrinn a bha aige. ’S e breug a bha ann. Dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann san sgoil, ach cha robh mòran aige. Dìreach ùrnaigh no dhà.

Ràinig iad San Francisco. Chaidh iad gu taigh-seinnse. Fhuair fear dhen luchd-turais a-mach gu robh fear dhen luchd-obrach à Èirinn. “A bheil Gaeilge agaibh?” dh’fhaighnich e dhen Èireannach.

“Tha gu leòr,” fhreagair an t-Èireannach. Agus ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan. Bha e fileanta.

“Thig don bhòrd againn,” thuirt am fear-turais. “Tha mi ag iarraidh còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a chluinntinn.”

Chaidh am fear Èireannach a-null. Bha am fear Èireannach eile aig a’ bhòrd. Am fear breugach. “Siuthadaibh!” thuirt am fear-turais. “Bruidhnibh ri chèile ann an Gaeilge.”

Mus tuirt fear an taigh-sheinnse dad, thuirt fear a’ bhus, “Ar n-Athair a tha air nèamh, gun naomhaichear d' ainm.” Choimhead am fear fileanta air mar gur e amadan a bh’ ann. Ach an uair sin, thuig e dè bha a’ dol. Bha plòigh aig an duine eile. “Gun tigeadh do rìoghachd,” fhreagair e. “Gun dèanar do thoil air thalamh, mar a nithear air nèamh.”

“Thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil,” thuirt a’ chiad fhear.

“Agus math dhuinn ar fiachan,” fhreagair am fear eile. Lean an còmhradh mar sin. Bha an luchd-turais toilichte. Chuala iad còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann. Cha robh fios aca gur e dìreach Ùrnaigh an Tighearna a chuala iad!

Faclan is abairtean: Chaidh buidheann Cheilteach a chur air chois: a Celtic group was established; ’s e dithis a stèidhich an cluba: it is two people that set up the club; gur e a’ chiad bhuidheann phan-Cheilteach air an t-saoghal a bh’ ann:that it was the first pan-Celtic group in the world; A’ Chuimrigh: Wales; A’ Chòrn: Cornwall; Eilean Mhanainn: The Isle of Man; A’ Bhreatainn Bheag: Brittany; no a bheil an cluba fhathast a’ dol: or if the club is still going; chuala mi naidheachd èibhinn: I heard a funny story; aig ceann buidheann de luchd-turais: in charge of a group of tourists; bha iad a’ siubhal ann am bus: they were travelling in a bus; chan e an fhìrinn a bha aige: he was not speaking the truth; ’s e breug a bh’ ann:it was a lie; dh’ionnsaich e Gàidhlig na h-Èireann san sgoil: he learned Irish Gaelic in school; dìreach ùrnaigh no dhà: just a prayer or two; taigh-seinnse: pub; ’s e an fhìrinn a bh’ aigesan: he was telling the truth; tha mi ag iarraidh còmhradh ann an Gàidhlig na h-Èireann a chluinntinn: I want to hear a conversation in Irish Gaelic; Siuthadaibh!: Go on!; bruidhnibh ri chèile: speak to each other; ar n-Athair a tha air nèamh: our Father who art in Heaven; gun naomhaichear d' ainm:hallowed be Thy name; amadan: idiot; bha plòigh aig an duine eile: the other man was up to something; gun tigeadh do rìoghachd: Thy kingdom come; gun dèanar do thoil: Thy will be done; mar a nithear air nèamh: as it is [done] in Heaven; thoir dhuinn an-diugh ar n-aran làitheil: give us this day our daily bread; agus math dhuinn ar fiachan: and forgive us our debts; lean an còmhradh mar sin: the conversation followed like that; bha an luchd-turais toilichte: the tourists were pleased; cha robh fios aca gur e dìreach Ùrnaigh an Tighearna a chuala iad: they didn’t know they had only heard The Lord’s Prayer.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 321

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile