FaclairDictionary EnglishGàidhlig

136: Finan MacDonald 136: Fionghan MacDhòmhnaill

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Fionghan MacDhòmhnaill

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag iarraidh innse dhuibh mun ghaisgeach Ghàidhealach, Finan MacDonald. Rugadh e ann an Cnòideart. Bha athair na thuathanach. Cò bha ann am Finan MacDonald? Carson a bha e na ghaisgeach? Uill, bha e ainmeil airson sabaid le tarbh-allaidh, no bison, le a làmhan.

Chan eil mi cinnteach dè an t-ainm a bha air ann an Gàidhlig. Leugh mi mu dheidhinn dìreach ann am Beurla. Canaidh mi Fionghan MacDhòmhnaill ris.

Rugadh Fionghan ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1782). Dh’fhàg e fhèin is a theaghlach Alba nuair a bha e òg. Chaidh iad a dh’Ameireagaidh a Tuath. Dh’fhàs e suas. Bha e gu math mòr. Bha e sia troighean is ceithir òirlich a dh’àirde. Bha falt fada ruadh agus feusag mhòr air. Fhuair e obair aig Companaidh an Iar-thuath. Bha iadsan an sàs ann am malairt nam bian.

Fhuair Fionghan a-steach air treubh de dhùthchasaich. Phòs e tè dhiubh. Uaireannan bha e a’ sabaid airson an treubha.

Rinn e obair le luchd-rannsachaidh. Tha iad ag ràdh gum b’ e Fionghan a’ chiad duine – co-dhiù duine Eòrpach – a chaidh tarsainn nan Rockies trì tursan.

Rinn Fionghan obair rannsachaidh airson an lus-eòlaiche Albannaich, Daibhidh Dùbhghlas. Chruinnich Dùbhghlas tòrr lusan. Cha robh na lusan sin aithnichte anns an Roinn Eòrpa. Lorg e Giuthas an Dùbhghlasaich – an Douglas Fir. Fhuair Daibhidh bàs ann an Hawaii. Thuit e do shloc. Bha na daoine a’ glacadh crodh fiadhaich anns an t-sloc. Bha tarbh anns an t-sloc. Mharbh an tarbh Daibhidh bochd.

Ach bha eachdraidh Fhionghain eadar-dhealaichte. Nuair a bha e ceathrad ’s a còig bliadhna a dh’aois, chaidh a thilgeil far eich. Bha tarbh-allaidh mòr an tòir air. Thionndaidh Fionghan. Rinn an tarbh is Fionghan carachd le chèile. Chaidh an dithis a ghoirteachadh. Ach mhair iad beò. Bha iad ag ràdh nach robh duine eile air tighinn beò tro shabaid le tarbh-allaidh mòr mar sin.

Faclan is abairtean: gaisgeach: hero; rugadh e ann an Cnòideart: he was born in Knoydart; bha athair na thuathanach: his father was a farmer; airson sabaid le tarbh-allaidh: for fighting with a bull bison; le a làmhan: with his [bare] hands; canaidh mi Fionghan MacDhòmhnaill ris: I’ll call him Fionghan MacDhòmhnaill; dh’fhàg e fhèin is a theaghlach Alba: he and his family left Scotland; a dh’Ameireagaidh a Tuath: to North America; sia troighean is ceithir òirlich: six feet and four inches; bha falt fada ruadh agus feusag mhòr air: he had long red hair and a large beard; Companaidh an Iar-thuath: The North-west Company; an sàs ann am malairt nam bian: involved in the fur trade; fhuair Fionghan a-steach air treubh de dhùthchasaich: Finan got friendly with a tribe of native people; phòs e tè dhiubh: he married one of them; a’ sabaid airson an treubha: fighting for the tribe; a’ chiad duine – co-dhiù duine Eòrpach – a chaidh tarsainn nan Rockies trì tursan: the first man – at least, the first European – who went across the Rockies three times; obair rannsachaidh: exploration work; airson an lus-eòlaiche Albannaich, Daibhidh Dùbhghlas: for the Scottish botanist, David Douglas; aithnichte anns an Roinn Eòrpa: known in Europe; Giuthas an Dùbhghlasaich: The Douglas Fir (species); thuit e do shloc:he fell into a pit; a’ glacadh crodh fiadhaich: catching wild cattle; mharbh an tarbh Daibhidh bochd:the bull killed poor David; bha eachdraidh Fhionghain eadar-dhealaichte: Finan’s [life] story was different; chaidh a thilgeil far eich: he was thrown from his horse; bha tarbh-allaidh mòr an tòir air: a big bull bison was pursuing him; rinn an tarbh is Fionghan carachd le chèile: the bison and Finan wrestled with each other; chaidh an dithis a ghoirteachadh: both were hurt; mhair iad beò:they survived; nach robh duine eile air tighinn beò tro shabaid le tarbh-allaidh mòr : that no other man had survived [come alive] through a fight with a big bull bison.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 440

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile