ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

119: Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair 119: Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair

Gaelic Gàidhlig

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

Sin pàirt de dhàn aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S e bàrd ainmeil a bha ann. Bha e beò anns an ochdamh linn deug. ’S e an t-ainm a tha air an dàn Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig. Nochd e an toiseach ann an seachd ceud deug, caogad ’s a h-aon (1751).

An robh am bàrd dha-rìribh mu na sgrìobh e? An robh e dha-rìribh dhen bheachd gun robh a’ Ghàidhlig na b’ fheàrr na cànan sam bith eile anns an Roinn Eòrpa airson comhairle (agus rudan eile)? Uill, ’s dòcha nach robh. ’S dòcha gun robh e ri beagan fealla-dhà. Seo an earrann a-rithist:

’S i as fheàrr gu comhairl’

’S gu gnothach chur gu feum

Na aon teanga Eòrpach

Dh’aindeoin bòst nan Greug.

’S dòcha gun robh e fhèin a’ bòstadh mun Ghàidhlig!

Tha an samhradh ann an-dràsta. ’S e an samhradh seusan nam flùraichean. Bha mi a’ leughadh dàn eile aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair o chionn ghoirid. ’S e sin Òran an t-Samhraidh.

Anns an dàn tha am bàrd ag ainmeachadh lusan Albannach. Seo iad: creamh, sòbhrach, ròs, neòinean, fraoch, biadh-eunain agus feada-coille. A bheil sibh ag aithneachadh nan lusan sin?

Seo a-rithist iad, leis na h-ainmean Beurla cuideachd: creamh, no wild garlic, sòbhrach, no primrose, ròs, rose, neòinean,daisy, fraoch, heather, biadh-eunain, wood sorrel, agus feada-coille. Nise, tha mi a’ dèanamh dheth gur e feada-coille am wood sorrel cuideachd – Oxalis acetosella. Carson a thagh Mac Mhaighstir Alasdair dà ainm airson an aon luis? Uill, ’s dòcha gun robh an dà ainm a’ ciallachadh dà lus eadar-dhealaichte dha. Chan eil fhios agam.

Bha aon lus eile ann an Òran an t-Samhraidh – crios Chuchulainn. Crios Chuchulainn. Ann am Beurla ’s e an t-ainm a tha air an lus seo meadowsweet. Ach tha an t-ainm Gàidhlig eadhon nas fheàrr na sin! A bheil sibh eòlach air Cuchulainn? Chan eil? Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir!

Faclan is abairtean: ’S i as fheàrr gu comhairle: she’s the best [language] for advice; ’s gu gnothach chur gu feum: and for practical matters; na aon teanga Eòrpach dh’aindeoin bòst nan Greug: than any other European language despite the boasts of the Greeks; ’s e bàrd ainmeil a bha ann:he was a famous poet; ’s e an t-ainm a tha air an dàn: the poem is called; Moladh an Ùghdair don t-Seann Chànain Ghàidhlig: the author’s paean to the old Gaelic language; an robh am bàrd dha-rìribh mu na sgrìobh e?:was the poet in earnest about what he wrote?; gun robh a’ Ghàidhlig na b’ fheàrr na cànan sam bith eile:that Gaelic was better than any other language; gun robh e ri beagan fealla-dhà: that he was having a bit of fun; a’ bòstadh: boasting; ’s e an samhradh seusan nam flùraichean: summer is the season of [the] flowers; o chionn ghoirid: recently; a bheil sibh ag aithneachadh nan lusan?: do you recognise the plants?; tha mi a’ dèanamh dheth gur e feada-coille am wood sorrel cuideachd:I reckon that feada-coille is also the wood sorrel; carson a thagh Mac Mhaighstir Alasdair dà ainm?:why did Mac Mhaighstir Alasdair choose two names?; ’s dòcha gun robh an dà ainm a’ ciallachadh dà lus eadar-dhealaichte dha:perhaps the two names meant two different plants to him; chan eil fhios agam: I don’t know; crios Chuchulainn:meadowsweet [lit. Cuchullin’s belt]; eadhon nas fheàrr na sin: even better than that; a bheil sibh eòlach air X?: do you know X?.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 423

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile