113: Isle of Man (1) 113: Eilean Mhanainn (1)
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Eilean Mhanainn (1)
Nuair a bha mi ann an Eilean Mhanainn, thuirt feadhainn rium, “Cuin a tha na h-eileanan agaibh a’ dol a thighinn fo smachd Eilean Mhanainn a-rithist?” Bha iad a’ ciallachadh eileanan taobh siar na h-Alba. Tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad ri fealla-dhà. Ach chan eil mi cinnteach.
Tha ceanglaichean eachdraidheil làidir ann eadar Eilean Mhanainn agus Alba. Chan e a-mhàin na cànanan Gàidhealach. Ach cuideachd na ceanglaichean a bh’ ann ri linn nan Lochlannach.
Nochd a’ Ghàidhlig – no Gaelg – ann an Eilean Mhanainn anns a’ chòigeamh linn. Bha an cànan is cultar làidir. Eadhon nuair a thàinig na Lochlannaich, ’s e a’ Ghàidhlig a mhair. Thug na Lochlannaich buaidh mhòr air an t-siostam phoilitigeach. Ach cha tug iad buaidh mhòr air a’ chànan. Tha barrachd fhaclan Lochlannach ann an Gàidhlig na h-Alba na tha anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich.
Tha grunn ainmean-àite Lochlannach ann, ge-tà. Mar eisimpleir, Laxey. Tha sin a’ tighinn bhon aon fhreumh ri Lacasaigh ann an Leòdhas. Tha e a’ ciallachadh “abhainn a’ bhradain”. Tha Lacasdal ann an Leòdhas a’ ciallachadh “gleann a’ bhradain.”
Tha mòran ainmean cinnidh ann an Eilean Mhanainn a’ tighinn bhon Ghàidhlig. Chan eil mòran ann le Mac aig an toiseach, ge-tà. Dh’atharraich Mac gu tric gu dìreach C – no san latha an-diugh C, K agus Q. Mar eisimpleir, thàinig Kermode bho MacDhiarmaid, Quarry bho MacGuaire agus Kissack bho MacÌosaig.
Anns an aonamh linn deug, bha Eilean Mhanainn aig ceann rìoghachd – Rìoghachd Mhanainn is nan Eilean. B’ iad na h-eileanan sin an fheadhainn far chosta siar na h-Alba. Bha na ceudan de dh’eileanan ann. Ach a thaobh riaghladh, bha iad a’ cunntadh trithead ’s a dhà (32). Bha Eilean Mhanainn gu deas air a’ chòrr. Ach bha e aig cridhe poilitigeach na rìoghachd.
B’ e pàrlamaid nan eilean Tinvaal – no Tynwald – facal a tha a’ ciallachadh “pàrlamaid” ann an Lochlannais. ’S ann às a sin a thàinig an t-ainm-àite Beurla a th’ air Inbhir Pheofharain – Dingwall. Tha Tinvaal fhathast a’ dol – agus a’ dol gu math. Tha Manainnich moiteil aiste. Tha iad ag ràdh gur ise a’ phàrlamaid as fhaide a mhair – gun bhriseadh sam bith – air an t-saoghal. Bho làithean nan Lochlannach chun an latha an-diugh.
Faclan is abairtean: thuirt feadhainn rium: some people said to me; cuin a tha na h-eileanan agaibh a’ dol a thighinn fo smachd Eilean Mhanainn a-rithist?:when are your islands going to come under the control of the Isle of Man again?; eileanan taobh siar na h-Alba:the western islands of Scotland; gun robh iad ri fealla-dhà: that they were joking; ceanglaichean eachdraidheil: historical links; chan e a-mhàin: not only; ri linn nan Lochlannach: at the time of the Norse/Vikings; ’s e a’ Ghàidhlig a mhair: it’s Gaelic that survived; buaidh mhòr air an t-siostam phoilitigeach: a big effect on the political system; barrachd fhaclan Lochlannach: more Norse words; anns a’ Ghàidhlig Mhanainnich: in [the] Manx Gaelic; grunn ainmean-àite: several place names; bhon aon fhreumh: from the same root; abhainn a’ bhradain: salmon river; aig an toiseach: at the beginning; anns an aonamh linn deug: in the eleventh century; tha sinn eòlach oirre mar: we know it as; far chosta siar na h-Alba: off the west coast of Scotland; a thaobh riaghladh, bha iad a’ cunntadh trithead ’s a dhà: for government purposes, they counted 32; gu deas air a’ chòrr: south of the others; cridhe poilitigeach na rìoghachd: the political heart of the kingdom; moiteil aiste:proud of it [fem]; gur ise a’ phàrlamaid as fhaide a mhair: that it’s the parliament that’s lasted longest; gun bhriseadh sam bith: without any break.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 417
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn