ClàrMenu
FaclairDictionary EnglishGàidhlig

103: Wee Calum 103: Calum Beag

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Calum Beag

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chalum Beag an t-seachdain sa chaidh. Bha Calum a’ fuireach anns na Srianan no Streens of Findhorn. Bha e mì-chliùiteach. Carson? Uill bha e a’ goid sprèidh.

Bha aon each aige – fear sean, bàn. Bha e feumach air each. Bha e a’ dol a threabhadh na talmhainn. Ach cha robh airgead aige airson fear a cheannach. Mharbh e an t-each aige. Thug e an t-seiche dheth. Thiodhlaic e an closach.

Air an ath oidhche, choisich e gu tuathanas. Chaidh e don stàball. Thug e each a-mach leis. Bha an t-each donn. Chaidh e dhachaigh leis.

Chuir e an t-seiche bhàn air an each dhonn. Bha e coltach ri each bàn. Cha do lorg an tuathanach an t-each. Rinn Calum an treabhadh. An uair sin, thug e an t-seiche far an eich. Bha an t-each donn a-rithist. Thug e an t-each donn air ais don stàball.

Bha nàbaidh aig Calum. Bha an duine spìocach. Latha a bha seo, dh’iarr e air Calum a’ mhuc aige a mharbhadh. Ach cha robh e ag iarraidh feòil na muice a thoirt seachad do dhaoine eile. Dh’iarr e comhairle bho Chalum.

“Cuir an closach don abhainn air beulaibh an taigh agad a-nochd,” thuirt Calum. “Fàsaidh e fuar is bidh sin math don fhèoil. Faodaidh tu coiseachd sìos don taigh againn a-màireach. Bidh an naidheachd agad gun do ghoid cuideigin a’ mhuc. Can sin ris a h-uile duine.”

Uill, dè bha Calum Beag a’ dèanamh air an oidhche? Cha robh e anns a’ leabaidh aige fad na h-ùine, co-dhiù. Air an làrna-mhàireach, cha robh closach na muice san abhainn. Chaidh an duine gu taigh Chaluim. “Ghoid cuideigin a’ mhuc agam,” thuirt e.

“Seadh, seadh,” arsa Calum ris. “Cum ris an sgeul sin nuair a tha thu a’ bruidhinn ri daoine eile.”

“Ach ’s e an fhìrinn a th’ agam,” thuirt an nàbaidh a-rithist. “Ghoid cuideigin i ann an dha-rìreabh.”

“Seadh, seadh, tha fhios a’m,” thuirt Calum. Tha mi a’ smaoineachadh gun do phriob e a shùil ris an fhear eile!

Cha robh fios aig an nàbaidh gur e Calum a ghoid a’ mhuc. Agus tha mi cinnteach gun do chòrd an fheòil ri Calum ’s a’ bhean aige.

Faclan is abairtean: mì-chliùiteach: infamous; bha e a’ goid sprèidh: he was stealing livestock; bha e feumach air each: he needed a horse; bha e a’ dol a threabhadh na talmhainn: he was going to plough the land; mharbh e an t-each aige: he killed his horse; thug e an t-seiche dheth:he took the hide off it; thiodhlaic e an closach: he buried the carcase; air an ath oidhche: on the next night; stàball: stable; thug e each a-mach leis: he took a horse out with him; air an each dhonn: on the brown horse; cha do lorg an tuathanach an t-each: the farmer didn’t find the horse; thug e an t-seiche far an eich: he took the hide off the horse; spìocach: miserly; dh’iarr e air Calum a’ mhuc aige a mharbhadh: he asked Calum to kill his sheep; cha robh e ag iarraidh feòil na muice a thoirt seachad do dhaoine eile: he wasn’t wanting to give the pig’s meat do other people; cuir an closach don abhainn air beulaibh an taigh agad a-nochd:put the carcase in the river in front of your house tonight; faodaidh tu coiseachd sìos don taigh againn a-màireach:you can walk down to our house tomorrow; gun do ghoid cuideigin a’ mhuc: that somebody stole the pig; can sin ris a h-uile duine: tell that to everybody; air an làrna-mhàireach: the next day; “Seadh, seadh,” arsa Calum ris: “Aye, aye,” Calum said to him; cum ris an sgeul sin: keep to that story; ’s e an fhìrinn a th’ agam: I’m telling the truth (lit. it’s the truth I have); tha mi a’ smaoineachadh gun do phriob e a shùil: I think that he winked; tha mi cinnteach gun do chòrd an fheòil ri Calum ’s a’ bhean aige: I’m sure that Calum and his wife enjoyed the meat.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 407

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile