FaclairDictionary EnglishGàidhlig

100: Antonine Wall (2) 100: Balla Antonine (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Balla Antonine (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn ann an Àird Chlach an t-seachdain sa chaidh. Tha an sgìre sin gu deas air Inbhir Narann. Bha mi ag innse dhuibh mun tarbh-uisge. Bha e a’ fuireach ann an Loch Buaile Fhiodhaid. Aig amannan, bha an tarbh-uisge a’ fàgail an locha. Bha e cunnartach an uair sin. Bha e ag ithe dhaoine.

Uaireannan, ge-tà, cha robh coltas tairbh air. Bha coltas eich air. Latha a bha seo, dh’fhàg e an loch. Bha coltas eich air. Bha diollaid is srian air. Chunnaic e clann faisg air an loch. Chunnaic a’ chlann each brèagha. Bha iad toilichte. Leig an t-each leis a’ chloinn marcachd air. Cha robh fios aig a’ chloinn nach e each ceart a bh’ ann.

Nuair a bha a’ chlann a’ marcachd air, chaidh an t-each – an tarbh-uisge – faisg air lochan beag dubh. Bha an lochan sin uabhasach domhainn. Bha na daoine ag ràdh gun robh e ceangailte ri Loch Buaile Fhiodhaid fon talamh. Leum an t-each a-steach don lochan. Thug e a’ chlann leis. Dh’ith e a’ chlann.

Cha robh an tarbh-uisge an-còmhnaidh cunnartach. Air làithean teth samhraidh, bha e a’ faighinn cadal faisg air an loch. Bha spòrs aig na gillean an uair sin. Bha iad a’ faighinn faisg air an tarbh-uisge, agus e na chadal. Bha iad a’ tarraing gaoisidean far an tairbh agus a’ ruith air falbh!

Bha an tarbh-uisge a’ fàs aonaranach uaireannan. Bho àm gu àm bha e a’ falbh a-mach a’ sireadh bò. Bha cothrom aige as t-samhradh. Bha an crodh sa mhonadh an uair sin.

Bha laoigh annasach a’ tighinn às an aonadh eadar tarbh-uisge agus bò. Bha na cluasan aca eagach. Bha na h-earbaill aca goirid. Agus bha na ladhran aca dubh is gleansach. Bha coltas fiadhaich air na sùilean aca cuideachd.

Bha dà laogh dhen t-seòrsa sin aig tuathanach. Thàinig an samhradh. Bha an crodh sa mhonadh. Mhothaich an tuathanach gu robh an dà laogh a’ fàs mì-shocrach. Latha a bha seo, theich iad. Ruith an tuathanach às an dèidh. Ach bha na laoigh ro luath. Ràinig iad Loch nan Doirb. Leum iad a-steach don loch. Chan fhaca duine a-rithist iad.

Faclan is abairtean: Àird Chlach: Ardclach; Inbhir Narann: Nairn; bha mi ag innse dhuibh mun tarbh-uisge: I was telling you about the water-bull; Loch Buaile Fhiodhaid: Loch Belivat; a’ fàgail an locha: leaving the loch; cunnartach: dangerous; uaireannan, ge-tà, cha robh coltas tairbh air: sometimes, however, it didn’t have the appearance of a bull; bha coltas eich air: it had the appearance of a horse; diollaid is srian: a saddle and bridle; chunnaic a’ chlann each: the children saw a horse; leig an t-each leis a’ chloinn marcachd air:the horse let the children ride on him; nach e each ceart a bh’ ann: that it wasn’t a proper horse; uabhasach domhainn: very deep; gun robh e ceangailte ri Loch Buaile Fhiodhaid fon talamh: that it was connected to Loch Belivat under the ground; leum an t-each a-steach don lochan: the horse jumped into the loch; thug e a’ chlann leis: he took the children with him; dh’ith e a’ chlann:he ate the children; an-còmhnaidh: always; air làithean teth samhraidh bha e a’ faighinn cadal: on hot summer days he was sleeping; bha spòrs aig na gillean: the lads had fun; a’ tarraing gaoisidean far an tairbh agus a’ ruith air falbh: pulling hairs out of the bull [’s hide] and running away; aonaranach: lonely; a’ sireadh bò: looking for a cow; bha an crodh sa mhonadh: the cattle were on the hill; annasach: unusual; às an aonadh: from the union; bha na cluasan aca eagach:their ears were notched; bha na h-earbaill aca goirid: their tails were short; bha na ladhran aca dubh is gleansach: their hooves were black and shiny; bha coltas fiadhaich air na sùilean aca: their eyes had a wild look; bha dà laogh dhen t-seòrsa sin aig tuathanach: a farmer had two calves of that type; mhothaich an tuathanach gu robh X a’ fàs mì-shocrach:the farmer noticed that X were growing uneasy; theich iad: they fled; ruith an tuathanach às an dèidh:the farmer ran after them; ràinig iad Loch nan Doirb: they reached Lochindorb; chan fhaca duine a-rithist iad: nobody saw them again.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 404

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile