Tha seann sgeulachd agam dhuibh. ’S e an t-ainm a th’ oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe. ’S e an tiotal slàn oirre Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe – Gun Chomas Èirigh no Laighe. Thàinig i bho Alasdair Camshron aig deireadh an naoidheamh linn
deug. Bha Alasdair à Àird nam Murchan. Bha e ag obair air an rathad eadar Dùror is Baile a’ Chaolais. Fhuair e na sgeulachdan aige bho sheann daoine anns
an sgìre.
Rinn mi an sgeulachd na bu shìmplidhe. Agus rinn mi na bu ghiorra i. Ach tha mi an dòchas gun còrd i ribh. Co-dhiù, seo i – Mar a bha Fionn ann an Taigh a’ Bhlàir Bhuidhe:
Bha Fionn agus a dhaoine a-muigh a’ sealg. Thug Fionn sùil sìos an gleann. Chunnaic e fear òg a’ tighinn. Thàinig am fear òg. Chuir am fear òg fàilte air
Fionn. Chuir Fionn fàilte air an fhear òg.
Thuirt am fear òg gur e gille a bh’ ann. Bha e ag iarraidh maighstir. “Tha gille a dhìth orm,” thuirt Fionn. Dh’fhastaich e an gille. Cha robh Conan
toilichte. Cha do chòrd coltas a’ ghille ris.
“Dè do dhuais?” dh’fhaighnich Fionn dhen ghille.
“Gun tig sibh uile còmhla rium gu cuirm nuair a tha an ùine agam seachad,” fhreagair an gille. Bha e gu bhith còmhla ri Fionn airson latha is bliadhna.
Chaidh an ùine aig a’ ghille seachad. Bha Fionn agus a dhaoine a’ dol a dhol còmhla ris a’ ghille gu cuirm. B’ e sin duais a’ ghille. Bha an gille luath.
Bha e ceannruisgte is casruisgte. Chaidh e o bhealach gu mullach. Chaidh e o mhullach gu gleann. Chaidh e o ghleann gu srath. Dh’fhalbh Caoilte às a
dhèidh. Ruith Cuchuilinn às dèidh Chaoilte. Bha na daoine eile às dèidh Chuchuilinn. Bha iad anns an òrdugh sin nuair a ràinig iad am Blàr Buidhe.
Nuair a bha iad uile ann, chaidh an gille mòr gu taigh mòr brèagha. Chaidh na daoine uile a-steach. Fhuair iad àiteachan suidhe ris a’ bhalla – ach Conan.
Cha robh rùm aigesan. Shuidh esan air leac an teine. Ach cha robh sgeul air a’ chuirm. Cha robh sgeul air biadh sam bith. Cha robh cùisean mar bu chòir.
Chì sinn dè thachair an ath-sheachdain.