Tha sinn fhathast a’ toirt sùil air rannan a nochdas anns an leabhar “Air do bhonnagan a ghaoil”, a chaidh fhoillseachadh an-uiridh le Acair. An
t-seachdain seo, tha mi a’ dol a thoirt sùil air dà rainn. Seo a’ chiad tè, air a bheil “Aibidil”:
A airson Adhamh
Acrach sa ghàrradh.
B airson bealach
Bò chaol a’ tighinn gu baile.
C airson Cailean,
A cheann air cluasaig, ’s e na chadal
D airson dìgean,
Digearan a’ sgrìobadh
E airson Eachainn,
Air each geal a’ dol seachad.
F airson Fèis,
’S fear na fìdeig aic’ leis fhèin.
G airson Goraidh,
A ghoid aodach bean Sheonaidh.
Eadar Hiort is na Hearadh
Chailleadh Harry ’s an eathar.
Ann an Ì anns a’ chill
Rìghrean Alba aig sìth.
Tha siud gu leòr: tha sinn sgìth!
Nise seo rann cunntaidh.’S e an t-ainm a th’ air “Deich Balaich Bheaga Dhubha”:
Deich balaich bheaga dhubha
Nan
suidhe muigh air being –
Thug an starrag leatha Seoc
’S cha robh ann ach naoi.
Naoi balaich bheaga dhubha
Nan
suidhe muigh air tobht’ –
Thuit Fionn tro tholl nan cearc
’S cha robh ann ach ochd.
Ochd balaich bheaga dhubha
Ag iasgach le slait –
Ghoid na giomaich Fearchar
’S cha robh ann ach seachd.
Seachd balaich bheaga dhubha
Nan
suidhe ’g ithe ’m biadh –
Thachd buntàta Coinneach crost
’S cha robh ann ach sia.
Sia balaich bheaga dhubha
A’ cur a-steach an fheòir –
Thuit a’ chruach air Ùisdean beag
’S cha robh ann ach còig.
Còig balaich bheaga dhubha
A’ seòladh ann an eathar
Shluig muc-mhara Donnchadh
’S cha robh ann ach ceithir.
Ceithir balaich bheaga dhubha
Nan
cadal leis an sgìths –
Thuit Raghnall tron an leabaidh
’S cha robh ann ach trì.
Trì balaich bheaga dhubha
Ag ithe mìr is càis –
“Mar sin leibh,” thuirt Alasdair
’S cha robh ann ach dhà.
Dà bhalach bheag dhubh
A’ toirt a-steach a’ bhùirn –
Thuit Eachann dhan an tobair
’S cha robh ann ach aon.
Aon bhalach beag dubh
Na sheasamh ’s car na cheann –
Ruith esan a dh’Ameireagaidh
’S cha robh ’n còrr ann.
Ma tha sibh ag obair le cloinn, nach biodh e math an rann sin a chluich mar gheam, le deichnear cloinne, agus iad a’ falbh fear ma seach. Seo an rann
a-rithist – agus bheir sin gu deireadh na Litreach sinn. Cuimhnichibh gun gabh an leabhar math brèagha seo ceannach. Dhèanadh e deagh phreusant
co-là-breith!
Deich Balaich Bheaga Dhubha etc…