Bha feadhainn à Barraigh ann an Alba Nuadh ann an Canada o chionn ghoirid. Nuair a bha iad thall, chùm iad seirbheis cuimhneachaidh don fheadhainn a chaill
am beatha ann an spreadhadh mòr Halifax ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917). Am measg nam marbh bha còignear Bharrach a bh’ air bòrd soitheach ann
an cala Halifax.
Bha mi air cluinntinn mu dheidhinn spreadhadh mòr Halifax, ceart gu leòr, ach mus do thòisich mi air a’ chùis a rannsachadh, cha robh fios
agam idir gun robh e cho mòr. Thathar ag ràdh gum b’ e an spreadhadh a bu mhotha a rinn mac an duine riamh, mus do chruthaich e bomaichean niùclasach.
Ann an naoi ceud deug is seachd-deug (1917), bha an Cogadh Mòr a’ dol agus bha port Halifax trang. Bha e làn soithichean cogaidh agus longan a bheireadh
bathar thar a’ chuain. ’S ann à Halifax a dh’fhalbhadh mòran de na longan a Bhreatainn. Bha soitheach nam Barrach a’ dol a thoirt gràn is eich a
Bhreatainn.
Bha madainn ghrianach ann air an t-siathamh latha dhen Dùbhlachd. Ach mus tigeadh dorchadas na h-oidhche bhiodh còrr is mìle gu leth duine marbh. Bhiodh na
ceudan eile a’ faighinn bàs mus biodh an gnothach seachad.
Chuir an soitheach Frangach, am Mont Blanc, seachad an oidhche taobh a-muigh a’ phuirt. Bha i ro anmoch airson faighinn a-steach tro na lìn a bha
a’ dìon a’ phuirt an aghaidh bhàtaichean-aiginn Gearmailteach. Bha am Mont Blanc làn stuth-spreadhaidh – searbhag picric, TNT, cotan-gunna is
benzol. ’S e luchd cunnartach a bh’ ann.
Bha soitheach eile a’ fàgail a’ phuirt air a’ mhadainn sin. B’ ise tè à Nirribhidh, an Imo. Bha i air an t-slighe a New York airson bathar a chur
air bòrd a dhèanadh cobhair air muinntir na Beilge. Bhuail an dà shoitheach na chèile. Thòisich teine air bòrd a’ Mhont Blanc. Theich an criutha,
agus iad a’ smaoineachadh gum biodh i a’ spreadhadh cha mhòr sa bhad. Dh’fhalbh iad ann am bàtaichean gu ruige Dartmouth, baile air taobh thall a’ chaolais
bho Halifax.
Gu mì-fhortanach, ge-tà, cha do dh’fhàg iad an soitheach air acair. Bha i a’ falbh leis an t-sruth. Agus stad i ri taobh a’ chidhe ann an Halifax. Cha robh
fios aig a’ phoball gun robh an suidheachadh cho cunnartach, agus thàinig na mìltean dhiubh a-mach airson an gnothach fhaicinn. Goirid ro chòig mionaidean
an dèidh naoi spreadh an stuth air bòrd a’ Mhont Blanc.
Bha an spreadhadh cho mòr ’s gun do sgrios e taighean, eaglaisean, sgoiltean is factaraidhean. Chaidh clann a mharbhadh air an rathad gu sgoil. Chaidh,
agus na ceudan a bha a’ coimhead a’ ghnothaich. Bha mòran a’ coimhead bho air cùl uinneagan, agus chaill feadhainn dhiubh sin am fradharc. Bha tuinn ann
coltach ri tsunami a rinn milleadh mòr. Agus chaidh soitheach, leis a’ chòignear Bharrach air bòrd, a chur fodha.
Chaidh feadhainn a ghlasadh ann an togalaichean a thuit gu làr air am muin. Chaochail cuid dhiubh sin leis an fhuachd air an oidhche sin
oir ’s e an geamhradh a bh’ ann. Thug an sgrios buaidh mhòr air a’ choimhearsnachd.
Agus, leis gu robh an spreadhadh cho millteach, thug an sgioba Ameireaganach a bha a’ cruthachadh boma niùclasach anns an Dàrna Cogadh sùil air na
thachair. Bha iad a’ tomhas dè cho mòr ’s a bhiodh na bomaichean a dhèanadh sgrios air Hiroshima is Nagasaki.