Ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846), bha gaiseadh a’ bhuntàta ann. Bha e uabhasach ann an Èirinn. Bha e dona gu leòr ann an Alba cuideachd. Bha
daoine ann an èiginn. Cha robh biadh gu leòr aca. Ach bha cuid eile a’ reic biadh, agus a’ dèanamh prothaid às. Bha iad eadhon a’ reic buntàta.
Latha a bha seo, bha daoine a’ cur buntàta air dà shoitheach ann an Inbhir Nis. Bha iad a’ dol a Lunnainn. Bha prìs mhath air buntàta ann an Lunnainn. Bha
fearg air mòran.
Chaidh buidheann de mhàthraichean is clann don chidhe. Bha fir ann cuideachd. Nam measg bha gobha air an robh Aonghas Siosalach. Thàinig cairtean is eich.
Bha na cairtean làn bhuntàta. Chuir na daoine stad orra.
An ath latha thàinig na cairtean don chidhe a-rithist. Agus a-rithist chuir na daoine stad orra. Chuala ùghdarrasan a’ bhaile mu dheidhinn. Chaidh an
t-Iar-Shiorram, am Pròbhaist agus poilis don chidhe. Ach chuir na daoine stad orra. Thilg iad poll air a’ Phròbhaist.
Chuir am Pròbhaist fios don arm. Bha iadsan ann an Gearastan Deòrsa. Thàinig seachdad saighdear. Chaidh iad a Chaisteal Inbhir Nis.
Ach cha do chuir sin eagal air na daoine. Thàinig mìle gu leth dhiubh a-mach. Bha iad ag iarraidh stad a chur air às-mhalairt a’ bhuntàta.
B’ e Aonghas Siosalach an ceannard. Chaidh an sluagh tro shràidean a’ bhaile. Chaidh iad gu Tom a’ Chaisteil. Sin far an robh na saighdearan. Bha iad ag
èigheachd air na saighdearan. Chaidh iad gu taigh a’ phròbhaist. Bhris iad uinneagan aige. Chaidh iad gu taigh aig fear a bha a’ ruith nan soithichean. Sin
na soithichean a bha a’ toirt a’ bhuntàta air falbh. B’ esan Seumas Mason. “’S e mise a bu choireach,” thuirt e, “ri às-mhàlairt a’ bhuntàta. Ach bheir mi
arbhar is buntàta gu leòr a-steach a dh’Inbhir Nis ma tha sin a dhìth.” Agus innsidh mi dhuibh an ath-sheachdain dè rinn an sluagh.