Tha ainmean nam mìosan ann an Gàidhlig gu math inntinneach. Ach, anns an naoidheamh linn deug, cha robh iad mar a tha iad an-diugh. An-diugh tha An Gearran air a stèidheachadh mar a’ Ghàidhlig air February. Ach chan eil A’ Chailleach againn mar ainm airson April.
Tha gearran a’ ciallachadh each a th’ air a spothadh. Tha e cuideachd a’ ciallachadh each beag – Highland pony. O shean, tha cuid ag ràdh
gum b’ e An Gearran na ceithir seachdainean an dèidh a’ chòigeamh latha deug dhen Mhàrt. Tha cuid eile ag ràdh gur e mìos February a bha
ann. Tha feadhainn ag ràdh nach robh ann ach an dàrna leth de February. Agus tha cuid eile ag ràdh gun robh e naoi latha a dh’fhaid, agus gun robh
e a’ tighinn dìreach às dèidh An Fhaoillich.
Seo na chanas Alasdair MacBheathain anns an fhaclair aige – An Etymological Dictionary of the Gaelic Language: “[An Gearran] forms a part of the animal nomenclature given to the several periods of Spring-time.” An toiseach, Am Faoilleach – mìos nam
madaidhean-allaidh. An uair sin An Fheadag, the plover. Mhair sin dìreach seachdain. Tha Dwelly ag ràdh gur e An Fheadag an
treas seachdain de February.
Às dèidh na Feadaig, thàinig An Gearran. An uair sin thàinig A’ Chailleach no Old Woman. Bha sin co-ionann ri tràth sa Ghiblean
no April.
Carson nach do mhair An Fheadag no A’ Chailleach mar ainmean mhìosan? Chan eil mi cinnteach. Ach chaidh Am Faoilleach a dhèanamh
co-ionann ri January is An Gearran co-ionann ri February. Carson a chaidh Am Màrt a thaghadh airson March? Carson nach deach rudeigin Gàidhealach a thaghadh mar An Fheadag no eadhon A’ Chailleach? Ma tha beachd agaibh fhèin, nach cuir
sibh fios thugam?
Tha A’ Chailleach againn fhathast ann an seanfhacal:’S iomadh fear a thèid le eallaich ri seachdain chruaidh na Caillich. Many a man carries a load in the hard week of the Cailleach. ’S iomadh fear a thèid le eallaich ri seachdain chruaidh na Caillich. Bha A’
Chailleach ann aig toiseach a’ Ghiblein. Cha robh am feur a’ fàs. Bha daoine a’ giùlain eallaich de dh’fheur air an druim aig an àm sin.
Tha earrann ainmhidheach eile ann as t-Earrach – Na h-Othaisgean. Nì mi iomradh air sin an ath-sheachdain.