An t-seachdain sa chaidh dh’fhàg sinn Naomh Pòl – fear ris an canar ann am Fraingis Saint Pol de Leon – air eilean far costa na Breatainne Bige. Bha e
dìreach air cur às don nathair mhòir. Leis gun do shàbhail e an t-eilean air a bheil Batz, no L’Isle de Batz, chaidh an t-eilean gu lèir a thoirt dha.
Chaidh pàirtean de thìr-mòr faisg air an eilean a thoirt dha cuideachd. Thog Pòl manachainn mhòr anns an eilean.
Chaidh iarraidh air a bhith na easbaig. Ach thug e an aon fhreagairt ’s a thug e do rìgh na Cuimrigh nuair a bha e òg (oir ’s e Cuimreach a bh’ ann): “B’
fheàrr leam an sgìre seo fhàgail.”
Bha plòigh aig riaghladair na sgìre, ge-tà. Dh’iarr e air Pòl dhol a thadhal air an rìgh – Rìgh na Frainge – le litir sheulaichte. Anns an litir, dh’iarr
an riaghladair air an rìgh Pòl a dhèanamh na easbaig. Thug an rìgh a chreidsinn gun robh e feargach le Pòl airson a bhith a’ diùltadh na tàlantan aige a
chur gu feum gu maith an t-sluaigh. Thuirt Pòl gun dèanadh e rud sam bith a bha an rìgh ag iarraidh air. Cha b’ urrainn dha a dhiùltadh an uair sin agus
rinneadh easbaig dheth.
Thill Pòl gu Batz ach chuir e a chathair-eaglais air chois air tìr-mòr aig àite ris an canar ann am Fraingis Saint Pol-de-Leon. Chuir e taigh easbaig air
dòigh ann an seann tobhta far an robh tairbh-allaidh agus mathain a’ fuireach. Thug Pòl òrdugh do na beathaichean falbh air ais don choille. Ach bha aon
chràin tuirc ann agus bha a h-uirceanan a’ deoghal aice. Dhiùlt ise falbh. Bhuail Pòl air a ceann i agus dh’fhàs i solt sa bhad. Dh’fhuirich i gu sàmhach
sìtheil anns an fhail-mhuc. Agus aiste thàinig seòrsa de mhuc shònraichte ris an canar “mucan rìoghail”.
Bha Pòl gu math sean nuair a chaochail e. Tha cuid ag ràdh gun do ràinig e aois ceud is ceathrad (140) bliadhna. A rèir aithris, bha e air fàs cho tana ’s
gun gabhadh solas faicinn tro a làmhan.
Chaochail e ann an cealla a bh’ air a togail dha faisg air a’ mhanachainn anns an eilean. Bha muinntir an eilein ag iarraidh gum biodh e air a thiodhlacadh
an sin. Ach bha muinntir Saint Pol-de-Leon airson ’s gum biodh e air a thiodhlacadh anns a’ chathair-eaglais. Ciamar a bha iad a’ dol a thighinn gu rèite?
Uill, chaidh dà chairt ullachadh, agus dà dhamh a’ tarraing gach tè. Bha iad air an cur letheach-slighe eadar an t-eilean agus a’ chathair-eaglais. Bha aon
phaidhir dhamh a’ coimhead a dh’ionnsaigh na mara, is bha am paidhir eile a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ bhaile. Chaidh a’ chiste-laighe a chur air na dhà,
leth dhith air gach cairt. Bhiodh e an urra ris an naomh fhèin càite an rachadh e don uaigh.
A rèir beul-aithris, nuair a thòisich na daimh air gluasad, chaidh a’ chiste à fianais. Bha i do-fhaicsinneach. Cha robh fios aig an
t-sluagh dè an taobh a bha i a’ dol.
’S ann dìreach nuair a ràinig na cairtean an cinn-uidhe a bha fios aig an t-sluagh dè bh’ air tachairt. Bha briseadh-dùil air na h-eileanaich oir bha a’
chairt acasan falamh. Bha muinntir a’ bhaile a’ dèanamh gàirdeachas oir bha a’ chiste air a’ chairt acasan. Agus bha Naomh Pòl, Saint Pol de Leòn, air a
thiodhlacadh sa chathair-eaglais anns a’ bhaile a tha a’ giùlain ainm fhathast.