Bu mhath leam stòiridh eile innse dhuibh an t-seachdain seo à Braghad Albainn. Dh’innis mi dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu Dhonnchadh Mòr Ruadh na Feusaig à Gleann Lòchaidh faisg air Cill Fhinn. An t-seachdain sa, tha mi airson stòiridh innse dhuibh air a bheil Bàs a’ Bhaigeir no The Beggar’s Death. Feuchaidh mi ri cumail, cho fad ’s as urrainn dhomh, ris a’ Ghàidhlig anns an deach an stòiridh innse bho thùs – ’s e sin
Gàidhlig Siorrachd Pheairt.
Tha e a’ tachairt taobh Loch Tatha anns an taigh aig fear air an robh Donncha MacPhàrlain. Sin mar a chaidh ainm a sgrìobhadh – “Donncha”, seachd
“Donnchadh”. Co-dhiù, oidhche a bha siud, bha Donncha a-staigh a’ leughadh a’ Bhìobaill. Sheinn e salm agus rinn e ùrnaigh. Shuidh e mu choinneamh an
teine, a’ smuaineachadh air an nì a leugh e. Chaidh a bhean a laighe san leabaidh a bha sa cheàrn.
B’ iongantach an rud a thachair an uair sin. Thàinig neul dorch, dubh a-staigh air an doras. Aig a’ cheart àm thuit dà chathair air an làr agus ghlaodh a
bhean, “O Dhonncha, dèan grèim orm oir tha cudrom uabhasach ga chur orm.” Cha b’ e sin uile, ach stad an t-uaireadair-cluig agus thuit an crochadan air an
ùrlar le gleadhraich eagallach. Cha robh mòran fois no cadail am fàrdach Dhonncha air an oidhche sin.
Dh’fheòraich iad de chèile ciod bu chiall do na nithean oillteil sin. Cha robh e fada mun d’ fhuair iad freagairt. Beagan làithean an dèidh sin, fhuair
duine bochd bàs san taigh.
Feasgar samhraidh a bha seo chunnaic clann a bha a’ dol dhachaigh o sgoil am baigear a bha seo. Bha iad eòlach air. ’S ann tric a bhiodh e ag iarraidh
dèirc bho mhuinntir an àite. Bha e air an oidhche a chur seachad aig taigh Dhonncha mu thràth. Ach, an latha seo, cha robh e gu math. Bha coltas an eug air
a ghnùis.
Le strì mhòr agus le spàirn chruaidh, chaidh e ris a’ bhruthach. ’S iomadh anail a ghabh e mun d’ ràinig e taigh Dhonncha. Aig doras
Dhonncha leig e a chudrom air a bhata. Car ùine cha b’ urrainn dha bruidhinn ri Donncha.
Ged a bha Donncha na dhuine coibhneil, truacanta, bha e san tomhartaich mun duine bochd a ghleidheadh rè na h-oidhche. Bha e follaiseach da shùilean nach
biodh an truaghan fada beò. Thuig an creutair mar a bha a’ chùis, agus thuirt e, “Mur toir Dia a bheannachd dhut airson do choibhneas, chan eil e na mo
chomas-sa airgead no òr a thoirt dhut.”
“Seadh, seadh, thig a-staigh. Feumaidh sinn do ghleidheadh car oidhche co-dhiù,” thuirt Donncha. Chaidh an deòra truagh a-staigh, agus a-mach cha tàinig e
gus an deachaidh a ghiùlan air falbh airson adhlacadh beagan làithean an dèidh sin.
Bha ciallachadh nan nithean mìorbhaileach a thachair a-nise soilleir gu leòr do Dhonncha, agus cha robh feum air innseadh dha carson a thuit crochadan an
uaireadair. Bu uaireadairiche an duine marbh. A bheil sibh eòlach air an fhacal sin – uaireadairiche? Tha e a’ ciallachadh fear a bhios a’ dèanamh
uaireadairean – a watchmaker or clockmaker. Bu uaireadairiche an duine marbh agus bu chinnteach Donncha gur e rabhadh bàis an uaireadairiche a bha
anns gach nì dhiubh sin. Ciod bu fhreagarraiche na gun tuiteadh an crochadan agus gun stadadh an t-uaireadair ro bhàs an uaireadairiche?