Bha mi anns a’ Chuimrigh o chionn beagan sheachdainean – anns a’ cheann a tuath. Tha an dùthaich a’ còrdadh rium agus tha caraidean agam aig a bheil
Cuimris. Bha an t-àm ann dhomh beagan dhen chànan ionnsachadh.
Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar a’ Gàidhlig agus Cuimris, agus iad le chèile nan cànanan Ceilteach. Uaireannan, bidh facal Cuimreach a’
tòiseachadh le ‘h’, agus facal Gàidhlig car coltach ris a’ tòiseachadh le ‘s’. ʼS e salann eisimpleir dhiubh sin. Ann an Cuimris, canaidh iad halen. Tha càirdeas eadar am facal Gàidhlig samhradh – no samhradh – agus haf ann an Cuimris; tha iad le chèile a’
ciallachadh ‘summer’. Canaidh sinne sealg airson ‘hunt’; canaidh na Cuimrich hela. Agus, far an can sinne sean airson ‘old’,
canaidh na Cuimrich hen.
Co-dhiù, bha mi còmhla ri feadhainn aig a bheil Cuimris ann an Ynys Môn. ʼS e sin eilean mòr ris an canar Anglesey ann am Beurla. Chaidh mi a cheilidh air
boireannach a bhuineas do sgìre air a bheil Niwbwrch no Newborough. Tha an taigh aice faisg air tràigh mhòr agus àrainn ghainmhich a tha an-diugh na
teàrmann nàdair.
Bha mi a-staigh aice a’ gabhail panad – srùbag – nuair a thug i a-mach crìos agus brat a bh’ air an dèanamh de lus – feur air choreigin, agus na
duilleagan air an snìomh còmhla. Bha iad gu math tarraingeach. Dh’fhaighnich mi dhith dè an lus a bh’ ann agus thuirt i ‘moresg’.
Bha e furasta gu leòr obrachadh a-mach gu dè a bh’ ann. Tha moresg a’ tighinn bho môr-hesg. Tha môr co-ionann ri muir
ann an Gàidhlig. Agus tha hesg an ìre mhath co-ionann ri seasg ann an Gàidhlig. Tha seasg a’ ciallachadh ‘sedge’ – buidheann de lusan a
tha càirdeach do na feòir. ʼS e seasgan ainm eile airson cuilc no reed. Agus tha hesg a’ ciallachadh cuilc ann an Cuimris. Mar
sin môr-hesg no moresg – seasg no cuilc na mara.
A bheil sibh a’ tuigsinn dè an lus a th’ ann? Ma tha sibh eòlach air Uibhist, bidh sibh eòlach air an lus – muran. ʼS e ainm bàrdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’
Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann. Ann am Beurla, canar marram grass no bent ris.
Bha mo bhana-charaid ag innse dhomh mu na boireannaich a bha uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran. Bha an sgìre ainmeil air a shon. Bha iad eadhon
a’ reic a’ mhurain amh, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh rudan leis. Bha i a’ faighneachd an robh na Gàidheil fhathast a’ cur a leithid gu feum. Dh’inns
mi dhi mu Aonghas Mac a’ Phì a bha a’ snìomh agus a’ fighe gu snasail le feòir fhad ʼs a bha e ann Ospadal Chreag Dhùn Eun ann an Inbhir Nis.
Dìreach mar a thachair ann an àite no dhà ann an Alba, bha cus murain air a’ spìonadh ann an Niwbwrch. Ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich. Aig a
cheann thall, chaidh coille a chur airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach. Tha na craobhan an-diugh gu math mòr. Tha beagan murain air
fhàgail air na coilleagan no dùin-ghainmhich. Ach cha chreid mi gu bheil duine a bhuineas don àite a th’ air na seann
sgilean de bhith ag obair le muran a chumail beò. Is mòr am beud.