FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Chorra-mhonaidh (1)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air crane? Chan eil mi a’ ciallachadh inneal-togail.

Audio is playing in pop-over.

A’ Chorra-mhonaidh (1)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air crane? Chan eil mi a’ ciallachadh inneal-togail. Tha seòrsa eile de crane air m’ aire – an t-eun mòr iongantach. Tha luchd-saidheans eòlach air mar Grus grus.

Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly:corra, corra-ghritheach, corra-mhonaidh, corra-bhàn, corra na h-easgann, tòn-dubh, corra thòn-dubh, bonnan-buidhe, corra-iasg agus corra-ghlas. Cha mhòr nach eil an aon uiread de dh’ainmean air ’s a th’ air an naosg!

Mar sin, dè tha mi a’ dol a ghabhail air an eun seo? Uill, thug mi sùil ann am faclair a tha air leth feumail. Tha mi an dùil gum bi sibh eòlach air: The Essential Gaelic Dictionary le Boyd Robasdan agus Iain MacDhòmhnaill. ’S e corra-mhonaidh a th’ acasan airson crane. Bidh cuid teagmhach mu cho freagarrach ’s a tha an t-ainm sin airson eun a tha gu math tric ri lorg air talamh ìosal, ach co-dhiù …

Mura faca sibh corra-mhonaidh riamh, ’s e eun iongantach mòr a th’ ann. O chionn beagan sheachdainean bha mi ann an Slimbridge ann an ceann a deas Shasainn, faisg air a’ chrìch leis a’ Chuimrigh. Chunnaic mi feadhainn an sin.

Tha an t-eun glas, còrr is meatair a dh’àirde le amhaich fhada, casan fada agus gob fada. Tha itean dubha air a tòin, agus tha dubh air a ceann agus air a h-amhaich, le pìos dearg os cionn a sùilean.

Tha i rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich – no heron – ach nas motha. Eucoltach ris an eun sin, tha a h-itean-tòine ag aomadh. Agus, eucoltach ris a’ chorra-ghrithich, cha bhi a’ chorra-mhonaidh a’ fuireach anns an aon àite a’ lorg cobhartach. Bidh i a’ coiseachd timcheall nuair a tha i a’ sealg.

Tha ùidh mhòr aig eòlaichean-nàdair anns a’ chorra-mhonaidh oir chaidh i à bith ann am Breatainn mar eun-neadachaidh. Bhiodh i a’ tadhal air an dùthaich bho àm gu àm ach cha robh fios aig daoine an robh i bitheanta gu nàdarrach aig aon àm.

Chaidh eòlaichean ann an Oilthigh Mhanchester gu ainmean-àite airson fianais air sin. Tuigidh bith-eòlaichean gu bheil fianais uaireannan ann an ainmean-àite a thaobh ainmhidhean is lusan anns an ùine a dh’fhalbh. Agus thug an fheadhainn ann am Manchester sùil air ainmean-àite air feadh Bhreatainn.

Anns an t-Seann Bheurla, ’s e cran, cron, corn no cranuc a bh’ air a’ chorra-mhonaidh. Anns an t-Seann Lochlannais, ’s e trani a chanadh daoine. Agus ann an Còrnais, ’s e garan a bh’ oirre. Anns na trì cànanan sin, lorgadh dà cheud, seachdad ’s a h-aon ainmean anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh. Ann an coimeas ri sin, lorg iad nas lugha na dà cheud ainm-àite anns an robh am fitheach air ainmeachadh – agus tha fhios gun robh mòran dhiubh sin ann an Gàidhlig, air a’ Ghàidhealtachd.

Tha àiteachan anns a bheil a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh air feadh Shasainn. Mus deach na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas, tha dùil gun robh an t-eun pailt gu leòr ann an sgìrean le talamh fliuch – oir ’s toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean mar sin. Air an làimh eile, nam biodh i uabhasach cumanta, ’s dòcha nach biodh i air a h-ainmeachadh idir oir bhiodh daoine ga faicinn sa h-uile àite. Agus an robh a’ chorra-mhonaidh ann an Alba? Bheir sinn sùil air an fhianais airson sin an-ath-sheachdain.

Litir 882 Litir 882 Litir 884 Litir 884

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!