Bha mi a’ bruidhinn mun chorra-mhonaidh an t-seachdain sa chaidh – crane ann am Beurla. Tha ainmean-àite a chaidh a chruthachadh anns an t-Seann
Bheurla agus Seann Lochlannais ag innse dhuinn gun robh iad air feadh Shasainn uaireigin. Seo eisimpleirean às an t-Seann Bheurla – Cranbourne, a
tha a’ ciallachadh ‘allt corra-mhonaidh’, Cranmore ‘sliabh corra-mhonaidh’ agus Cornewell ‘fuaran corra-mhonaidh’. Seo eisimpleirean às
an t-Seann Lochlannais – Tranmoor agus Tranmire a’ ciallachadh ‘boglach corra-mhonaidh’, Tranby ‘baile-fearainn corra-mhonaidh’
agus Trantrams ‘lochan corra-mhonaidh’.
Tha ainmean mar sin sa Chuimrigh – mar eisimpleir Afon Garan ‘abhainn na corra-mhonaidh’ agus anns a’ Chòrn far a bheil Rezgaran ‘ath na
corra-mhonaidh’ air atharrachadh ann am Beurla gu Rosegarden. Ann an taobh sear na h-Alba tha eisimpleirean ann a thàinig bhon t-Seann Bheurla – Cranshaws ‘doire corra-mhonaidh’, Cranbog Moss ‘boglach corra-mhonaidh’ agus Cranloch ‘loch corra-mhonaidh’. Gu math tric tha na
h-ainmean ann an àiteachan fliucha – an seòrsa àrainn far an lorgar corrachan-monaidh.
Carson nach eil eisimpleirean air a’ Ghàidhealtachd? Tha e doirbh a bhith cinnteach, ach tha aon rud soilleir – chan eil an aimsir ro fhuar dhi air a’
Ghàidhealtachd. Aig àm an neadachaidh, tha i air a lorg thairis air Lochlann agus an Ruis suas gu seachd mìle troigh os cionn na mara. Anns a’ gheamhradh,
ge-tà, bidh i a’ trèigsinn a’ chinn a tuath agus a’ dèanamh air àiteachan blàtha – mar eisimpleir ann an Sìona, na h-Ìnnseachan agus Afraga.
’S e an duilgheadas a th’ ann air a’ Ghàidhealtachd nach eil eadhon a’ chorra-ghritheach air a h-ainmeachadh gu tric. Agus uaireannan, chan eil e soilleir
an e a’ chorra-ghritheach a th’ ann no corra eile – a’ chorra-mhonaidh. Tha eisimpleir aig Rubha nan Corra air Loch Seile. Chanainn gur e ‘ the point of the herons’ as coltaiche mar chiall don ainm, seach ‘the point of the cranes’, ach chan eil sin dearbhte.
Tha a’ chorra-mhonaidh air tilleadh gu nàdarrach, ann an àireamhan beaga, gu Sasainn agus Èirinn. Agus tha sgeulachd againn à beul-aithris nan Gàidheal a
tha car taiceil don smuain nach robh i riamh pailt air a’ Ghàidhealtachd, ged a bha i nàdarrach ann an Èirinn.
Bha Calum Cille ann an Eilean Ì. Thuirt e ri manach gun tigeadh corra-mhonaidh an ceann trì latha agus gu feumadh am manach suidhe air taobh an iar an
eilein gus an tigeadh i. Bha an t-eun sin dùthchasach do dh’Èirinn ach cha robh do dh’Alba.
Rinn am manach na chaidh iarraidh air. Aig an uair cheart, thàinig a’ chorra-mhonaidh. Bha i claoidhte. Thog am manach i agus thug e dhachaigh i. Thug e
biadh dhi agus rinn e cobhair oirre. Air an fheasgar sin, thàinig Calum Cille seachad air agus thug e taing dha. Ach thuirt e gum biodh an
t-eun ag iarraidh falbh a-rithist an ceann trì latha.
Dìreach mar a thuirt an naomh, bha a’ chorra-mhonaidh deiseil airson Ì fhàgail aig ceann trì latha. Leig am manach mu sgaoil i. Chaidh i an àirde ’s an
àirde. Mu dheireadh, thionndaidh i gu deas agus rinn i air Èirinn. Bha Calum Cille air a chùl a chur ri Èirinn, ach bha a’ chorra-mhonaidh a’ tilleadh
dhachaigh.