FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Canàlaichean

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘canal’?

Audio is playing in pop-over.

Canàlaichean

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘canal’? ’S iomadh facal a th’ againn, a rèir nam faclairean – faoighteach, cladh-abhainn, cladh-shruth, sruth-chlais, cainneal, feadan, faoid – agus canàl. Tha Wikipedia ag innse dhuinn gu bheil ceithir ainmean eadar-dhealaichte air a’ Chaledonian Canal a tha a’ ruith eadar an Gearasdan agus Inbhir Nis –Amar-uisge a’ Ghlinne Mhòir, Seòlaid a’ Ghlinne Mhòir, Sligh’-uisge na h-Alba agus An Canàl Cailleannach. Chanainn fhìn gum biodh Canàl a’ Ghlinne Mhòir gu math freagarrach, ach ’s e An Canàl Cailleannach a chanas a’ chuid mhòr an-diugh.

Tha mi a’ meòrachadh air canàlaichean an-diugh air dà adhbhar. An ceann dà mhìos, bidh cruinneachadh mòr ann an Inbhir Nis – far a bheil mi a’ fuireach – mu dheidhinn chanàlaichean. Bidh daoine o air feadh an t-saoghail a’ tighinn airson Co-labhairt Canàlaichean na Cruinne, eadar an naoidheamh latha deug agus an dàrna latha fichead dhen t-Sultain.

Bidh iad a’ tighinn cruinn còmhla ann an trì àiteachan – Eden Court, Taigh-òsta Dhruim Aithisidh agus, mar a bhiodh dùil, air a’ Chanàl Chailleannach. Tha mi an dòchas gum bi an aimsir math – oir bidh gu leòr an làthair a tha an sàs ann an turasachd.

’S e an t-adhbhar eile a th’ agam airson a bhith a’ meòrachadh air canàlaichean gun robh mi ann an Sasainn o chionn ghoirid agus chuir mi seachad beagan làithean air canàl. Bha mi fhìn is triùir eile ann am bàta-cumhang – an seòrsa soithich a tha freagarrach airson nan canàlaichean. Tha iad cumhang agus fada. Bha an turas spòrsail. Ach bha a h-uile càil a’ dol gu mall. Gu dearbh, faodaidh tu coiseachd nas luaithe air an rathad ri taobh a’ chanàil naam bàta a tha a’ dèanamh a slighe tron uisge. Tha na bàtaichean slaodach. Agus, co-dhiù, chan eil e ceadaichte a dhol aig astar oir dhèanadh sin cron air bruaichean a’ chanàil.

’S ann air a’ Khennet & Avon Canal a bha sinn, eadar Somerset agus Wiltshire. Chan eil beanntan no lochan ann, mar a tha air a’ Chanàl Chailleannach, ach tha e a’ dol tro dhùthaich bhrèagha, le coille, pàircean agus fearann tuathanais. Ann an àite no dhà tha amar-uisge, no aqueduct, a tha a’ toirt a’ chanàil thairis air gleann no srath. Tha iad air an togail de chlach agus tha iad tarraingeach don t-sùil.

’S e fear dhiubh an Dundas Aqueduct faisg air Bath. Mhothaich mi don ainm Albannach a bh’ air agus rinn mi beagan rannsachaidh nuair a thill mi dhachaigh. Chaidh crìoch a chur air ann an ochd ceud deug ’s a còig (1805) agus chaidh ainmeachadh airson Teàrlach Dundas, cathraiche Companaidh Canàl Khennet & Avon. Bha ceanglaichean aig an teaghlach do Shiorrachd Pheairt, Siorrachd Shruighlea agus Dùn Èideann.

A bharrachd air sin, b’ e prìomh einnseanair a’ phròiseict fear Iain Rennie a bha cuideachd na Albannach. Bha e an sàs ann an obair air grunn chanàlaichean ann an Sasainn agus Alba. Bha einnseanairean Albannach cudromach ann an togail nan canàlaichean ann am Breatainn. Smaoinichibh air Tòmas Telford fhèin a dhealbhaich an Canàl Cailleannach. Tha mi an dòchas gun tig na h-Albannaich sin fo aire nan daoine a bhios a’ beachdachadh air canàlaichean an t-saoghail ann an Inbhir Nis an ceann dà mhìos.

Litir 884 Litir 884 Litir 886 Litir 886

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!