FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Feamainn a Ghabhas Ithe (1)

An do dh’fheuch sibh a-riamh feamainn mar bhiadh?

Audio is playing in pop-over.

Feamainn a Ghabhas Ithe (1)

An do dh’fheuch sibh a-riamh feamainn mar bhiadh? Tha fhios gun do dh’fheuch ma chaidh sibh gu taigh-bìdh Iapanach. Ma fhuair sibh wakame, no kombu no nori, dh’ith sibh feamainn. Gun luaidh air sushi, a tha gu tric air a chuairteachadh le feamainn. Ach tha ceist eile agam dhuibh – cia mheud turas a dh’ith sibh feamainn aig an taigh?

Bhiodh e inntinneach dhomh ur freagairtean a chluinntinn oir bha ar sinnsearan gu math eòlach air cuid dhen fheamainn a dh’fhàsas gu nàdarrach air cladaichean na h-Alba. Agus, nuair a chanas mi ‘sinnsearan’, cha leig sinn a leas a dhol air ais fada. Ur pàrantan ’s ur seana-phàrantan, ’s dòcha. Leanamaid gu dlùth ri cliù ar sinnsre, mar a chanas an seanfhacal, agus tha e fìor nuair a thig e gu feamainn.

Dhuibhse a tha a’ fuireach faisg air cladach far nach eil truailleadh, ’s e biadh fallain a th’ ann am feamainn. Tha i math dhuinn. Tha i an-asgaidh. Agus, eucoltach ri balgain-bhuachair agus fungasan eile, chan eil gin dhiubh puinnseanta. Chan eil sin ri ràdh gu bheil iad uile math ri ithe. Tha feadhainn a tha so-ithe agus feadhainn a tha car do-ithe. ’S e sin aon adhbhar airson a bhith eòlach air na feamainn a tha a’ fàs air ar cladaichean.

O chionn bhliadhnaichean chuir mi romham ainmean Gàidhlig nan diofar sheòrsaichean feamainn ionnsachadh. Bha mi a’ dèanamh agallamh le tè a tha ainmeil ann an saoghal na Gàidhlig. Bha mi a’ cur ri chèile prògram rèidio mu Euraboll, baile beag air oirthir Machair Chat. ’S e Euraboll am baile iasgaich mu dheireadh air taobh sear na Gàidhealtachd far an robh Gàidhlig aig an t-sluagh. Agus ’s i Nancy Dorian an neach a b’ eòlaiche a bh’ ann – agus a th’ ann – air dualchainnt na sgìre sin.

Fhad ’s a bha mi a’ bruidhinn ri Nancy, a bhuineas do na Stàitean Aonaichte, dh’fhaighnich i dhìom an robh mi eòlach air na diofar fheamainn. Gun a bhith a’ coimhead air notaichean, dh’inns i dhomh na h-ainmean aca. Bha iasgairean Euraboill gu math eòlach air na feamainn, thuirt i. Agus carson nach bitheadh? Bha iad air a’ chladach a h-uile latha. Ach a-mhàin Latha na Sàbaid, ’s dòcha.

Bha na h-ainmean Gàidhlig agam airson èisg-mhara, ach cha robh airson feamainn. Aig an àm sin, bha sinn ag ithe èisg ach cha robh sinn ag ithe feamainn. Is truagh nach robh, ach sin mar a bha.

’S dòcha nach robh sin buileach fìor oir tha cuimhne agam air mo sheanmhair a’ bruidhinn mu ithe cairgein. Ach chan eil cuimhne agam oirre, agus i a’ cruinneachadh no a’ bruich cairgein.

Co-dhiù, tha mi air tòiseachadh air rudan a chur ceart aig an taigh le bhith ag ithe feamainn bho àm gu àm. Agus, anns a’ chùrsa àrainneachd a bhios mi a’ ruith anns an Eilean Sgitheanach gach samhradh do luchd na Gàidhlig, chuir mi earrann ùr ann am-bliadhna – feamainn mar bhiadh.

Tha e doirbh a bhith cinnteach cò tè a b’ fheàrr a chòrd ris na h-oileanaich ach innsidh mi seo dhuibh. ’S e an cairgein a bu lugha a chòrd riutha! ’S dòcha gun cuir sin iongnadh air cuid de luchd-èisteachd oir bidh gu leòr de Ghàidheil fhathast ag ithe cairgein. Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain, cò an fheadhainn a bu bhlasta a bh’ ann.

Litir 854 Litir 854 Litir 856 Litir 856

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!