Bha mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh mu ithe feamainn. Mar phàirt dhen chùrsa – Àrainneachd, Cànan is Dualchas – a bha mi a’ ruith as t-samhradh
san Eilean Sgitheanach, dh’ith mi fhìn is na h-oileanaich grunn seòrsaichean feamainn. Tha mi airson innse dhuibh mun fheadhainn as blasta a dh’fhàsas gu
nàdarrach air cladaichean na h-Alba. Chanainn gu bheil costa siar na h-Alba am measg nan àiteachan as fheàrr san t-saoghal airson feamainn a
chruinneachadh.
An toiseach – cairgein. ’S e feamainn bheag a th’ ann, a tha eadar uaine is purpaidh. Bidh na Gàidheil a’ tiormachadh cairgein agus ga stòradh mus cleachd
iad e. Nì iad nàdar de shlaman no silidh leis. Ach chan eil blas math air. Feumar siùcar a chur ann airson blas a thoirt dha. Bidh cuid a’ cur cofaidh no
pùdar teòclaid ann.
Ach tha blas math air cuid de dh’fheamainn. Dh’fheuch sinn feadhainn air am bruich ann am poit le uisge no air am fraighigeadh le ìm ann am pana. ’S ann le
ìm a b’ fheàrr a bha am blas.
Chòrd duileasg ris a h-uile duine. ’S e sin feamainn dearg air a bheil blas saillteach, cnòthach. Tha e gu math aithnichte do na Gàidheil, agus bidh
feadhainn fhathast a’ dèanamh stiubha no brot tiugh, air a bheil ‘càl duilisg’ mar ainm. Tha duileasg làn mhèinnirean agus bheothaman, agus àrd ann am
potassium. Mar sin, ’s e biadh fallain a th’ ann.
’S i an fheamainn as àirde a dh’fhàsas air cladach creagach an fheamainn chìrean. Ann am mòran àiteachan air taobh an iar na Gàidhealtachd, bidh croitearan
a’ biathadh na feamainn seo do chrodh. Tha i math dhaibh, gu h-àraidh do chrodh laoigh às dèidh breith laoigh. Tha i làn bheag-eileamaidean agus, air a
fraighigeadh ann an ìm, tha blas air leth oirre. Saoilidh mi gu bheil i a cheart cho math do dhaoine ’s a tha i do chrodh!
Chòrd a’ ghlasag rinn uile, gu h-àraidh nuair a dh’fhàs i rud beag cruaidh anns a’ phana. ’S i a’ ghlasag feamainn uaine air a bheil sea lettuce
ann am Beurla. Bithear ga h-ithe amh cuideachd. Tha i làn Beothamain C, iarainn agus pròtain.
Bha e a-riamh na chleachdadh aig na Gàidheil a bhith ag ithe imleagan a lorg iad air a’ chladach. ’S i an imleag lus beag gleansach donn ann an cruth
putain às an tig frondaichean caola fada. Agus tha na frondaichean a cheart cho blasta ris na h-imleagan. ’S e iallan-mara no sea spaghetti a th’
air an fheamainn seo – agus gabhaidh i a chur an cois spaghetti àbhaisteach. Cuiridh i blas math ris. Chòrd an dà chuid, na h-imleagan agus na frondaichean
ris na h-oileanaich agus rium fhìn. Ach bheirinn rabhadh seachad mu na h-imleagan – anns a’ phana, tha iad car buailteach a bhith a’ spreadhadh leis an
teas!
Agus, mu dheireadh, an fheamainn as mìlse a th’ ann – langadal – feamainn mhòr fhada air a bheil sugar kelp no sweet kelp ann am Beurla.
Bha an fheadhainn a chruinnich sinn car òg. Agus mar as sine a tha an langadal, ’s ann as mìlse a tha e. Ge-tà, bha e fhathast gu math blasta. Cha do
dh’ainmich mi slòcan no mircean no a’ ghlasag chaolanach. Tha gu leòr a ghabhas ithe air cladaichean na h-Alba!