Ciamar a tha sibh fhèin a’ fuaimneachadh an fhacail F-E-A-D-H-A-I-N-N? Bidh feadhainn ag ràdh ‘feadhainn’. Bidh feadhainn ag ràdh ‘feadhainn’…! Tuigidh
sibh gu bheil mi air duilgheadas adhbharachadh dhomh fhìn anns an litir sgrìobhte, oir tha ceithir diofar dhòighean ann airson am facal fhuaimneachadh.
Seo iad – feƔin, fyeoin, feoin agus fyeƔin. Ma tha sibh ag ionnsachadh na Gàidhlig, ciamar a chanas sibh fhèin e? ’S dòcha gum bi sibh a’
leantainn dòigh ur tidseir. ’S dòcha gum bi sibh a’ leantainn na dualchainnt a thathar a’ bruidhinn anns an sgìre agaibh.
Ma tha sibh a’ fuireach ann an sgìre far an robh dualchainnt Ghàidhlig ann gu o chionn ghoirid, ged nach eil i ann an-diugh, dh’fhaodadh sibh am
fuaimneachadh sin a chleachdadh. Ach bidh cuid agaibh a’ cur na ceist – ciamar a bhios fios agam mun dòigh san tuirt na daoine facal àraidh, ma tha an
dualchainnt air a dhol bàs?
Tha Dùghlas Friseal air làrach-lìn a chruthachadh le fiosrachadh mar sin oirre. Tha mapaichean ann de dh’Alba co-cheangailte ri suirbhidhean na Gàidhlig, a
bh’ air an dèanamh eadar naoi ceud deug is caogad (1950), agus naoi ceud deug, seasgad ’s a trì (1963). Aig an àm sin, bha dualchainntean sgìreil fhathast
beò cha mhòr air feadh na Gàidhealtachd.
A thaobh an fhacail ‘feadhainn’, tha Dùghlas air mapa a dhèanamh dhen dòigh a bh’ aig daoine anns gach sgìre am facal fhuaimneachadh. Thathar ag ràdh ‘ feƔin’ ann an Leòdhas agus timcheall Gheàrrloch. Anns an Eilean Sgitheanach, agus ann an Uibhist, Barraigh, Canaigh, pàirtean de
dh’Earra-Ghàidheal is Siorrachd Pheairt, thathar ag ràdh ‘fyeoin’. Thathar ag ràdh ‘feoin’ ann am Muile, Àird nam Murchan is pàirtean de
Shiorrachd Rois. Agus gheibhear ‘fyeƔin’ anns Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr, ann an Asainte agus Dùthaich MhicAoidh.
’S e fuaimneachadh ‘feadhainn’ dìreach aon rud air an tug Dùghlas sùil. Thug e sùil cuideachd air fuaimneachadh a’ ‘bh’ ann am meadhan facail. Mar
eisimpleir, a’ chiad fhacal ann an ainm Colaiste na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach – Sabhal Mòr Ostaig. Bidh cuid ag ràdh ‘sa-val’, a’ fuaimneachadh
a’ ‘bh’ mar ‘v’ – ach tha sin fìor dìreach ann an ceann a deas Earra-Ghàidheal. Anns a’ chòrr dhen dùthaich, bithear ag ràdh ‘so-al’ no ‘sow-al’, gun a
bhith a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.
Agus tha am facal airson river inntinneach. An can sibh fhèin ‘a-vin’ no rudeigin eile, leithid ‘a-win’ no ‘a-in’? Bidh muinntir ceann a deas
Earra-Ghàidheal ga fhuaimneachadh le ‘v’. Ach bithear cuideachd ann an Leòdhas is Na Hearadh agus ceann an iar-thuath tìr-mòr. ’S ann dìreach anns a’
mheadhan, eadar an ceann a tuath agus an ceann a deas, nach eilear a’ fuaimneachadh a’ ‘bh’ mar ‘v’.
Tha tòrr fiosrachaidh eile air an làraich-lìn. Gheibh sibh an seòladh air a son anns a’ chunntas sgrìobhte dhen Litir seo air làrach a’ BhBC, làrach
LearnGaelic.scot no ann am Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich. Agus aon rud eile bhuaipe. Dè a’ Ghàidhlig agaibh air dream – ‘aisling’ no
‘bruadar’? Tha an diofar eadar sear is siar, seach eadar deas is tuath. Air taobh sear na Gàidhealtachd, ’s e ‘bruadar’ a chanar. Air an taobh an iar,
‘aisling’. Mo bheannachd air Dùghlas airson a chuid obrach.