A bheil cuimhne agaibh air na briathran aig Seumas Mac an t-Saoir an t-seachdain sa chaidh? Bha iad mu dheidhinn Shomhairle MhicIain, agus cha b’ e moladh
a bha am bàrd Gàidhlig a’ dèanamh air:
Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann, Ìnean sgithich ’s làmhan feàrna, Tha do cheann gu lèir de leamhan, Gu h-àraidh do theanga ’s do chàirein.
Bha Mac an t-Saoir a’ ceangal MhicIain ris na craobhan mallaichte – an critheann, an fheàrna agus an leamhan. Ach carson a bha an fheàrna am measg nan
craobh sin?
Chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha a’ chraobh-fheàrna air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball, chan aithne dhomh e. Agus ma tha e co-cheangailte ris mar a
bhios an fheàrna a’ fàs ann an àiteachan fliucha, uill, èistibh ri Leabhar nan Salm, caibideil 1: ‘Is beannaichte an duine sin … bidh e mar chraobh
suidhichte làimh ri sruthan uisge, a bheir a-mach a toradh na h-aimsir …
’S dòcha nach eilear a’ bruidhinn mun chraoibh-fheàrna an sin, ceart gu leòr, oir thathar ag ràdh nach caill i a duilleach. Saoilidh mi gu bheil droch
chliù na craoibh-fheàrna a’ dol air ais don linn ro-Chrìosdail. ’S dòcha gun robh e ceangailte ri snodhach na feàrna oir tha e coltach ri fuil nuair a tha
e ag aoidion a-mach.
Agus tha dà rud mun fheàrna a tha ga comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho chraobhan eile anns na dùthchannan Ceilteach. Anns a’ chiad dol a-mach, nuair
a thathar a’ sgoltadh loga de dh’fheàrna, bithear ga chur bun-os-cionn. Eucoltach ri craobhan eile, tha e nas fhasa a sgoltadh mar sin. Canaidh sinn – gach fiodh bhon bhàrr ach an fheàrn bhon bhun.
Bidh logaichean dhen chraoibh seo a’ maireachdainn nas fhaide ann an uisge na tha iad nuair a tha iad tioram. A-mach às an uisge, bidh iad a’ grodadh gu
luath. Ach, anns an uisge, bidh iad a’ maireachdainn ùine mhòr. Air sàillibh sin, ’s e a’ chraobh-fheàrna a chaidh a chleachdadh gu tric airson nam
mòr-stoban ann an crannagan. ’S e sin na logaichean a bh’ air an cleachdadh airson crannag – dachaigh ann an loch – a shuidheachadh anns an t-seann aimsir.
Tha rudan matha eile mun fheàrna cuideachd. Gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice. Agus bhiodh na Gàidheil a’ cur duilleagan dhith nam brògan nam
biodh na casan aca goirt.
Seo agaibh seann aibidil chraobhach nan Gàidheal – ailm, beith, coll, dair, eadha, feàrn, gort, iogh, luis, muin, nuin, onn, beith bhog, ruis, sùil, teine,
ùr. De na craobhan as bitheanta a dh’fhàsas air a’ Ghàidhealtachd, ’s e dìreach a’ bheith agus an fheàrn nach do dh’atharraich an ainmean bhon uair sin.
Agus tha trì faclan eile agam dhuibh co-cheangailte ri craobhan-feàrna. An toiseach – fàrdadh. ’S e sin rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh
airson clò a dhathadh dubh. Fàrdadh. Faob no faoban – ’s e sin cnap, beag no mòr, a dh’fhàsas air stocan is geugan, agus air a’
chraoibh-fheàrna am measg eile. Faob. Agus carraig. Tha Dwelly ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh cnap fiodha agus cuideachd ball
fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs. Agus seo na sgrìobh an sagart Mgr Ailein mu carraig: ‘a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty.’ Abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig!