Nach eil e iongantach cho tric ’s a bhios sinn a’ dràibheadh seachad air àite inntinneach, gun a bhith a’ dol a-steach. ‘Feumaidh mi a dhol ann uaireigin,’
tha sinn ag ràdh. Tha sinn a’ cur dàil ann. Agus uaireannan, bidh bliadhnaichean a’ dol seachad mus stad sinn an càr airson a dhol a-steach.
Agus ’s ann mar sin a bha e dhomh fhìn, agus an t-Eilean Bàn. Bidh fios aig mòran agaibh gu bheil drochaid an Eilein Sgitheanaich a’ dol thar a’ chaolais
eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcain, agus gu bheil i a’ dol thar an Eilein Bhàin. Uill, o chionn ghoirid, stad mi an càr agus chaidh mi a choimhead air
an eilean. Agus ’s e àite brèagha a th’ ann.
Tha e car ainmeil an-diugh oir rinn Gabhainn Maxwell a dhachaigh ann. Tha Maxwell ainmeil airson an leabhair ‘Ring of Bright Water’. Cheannaich e na
taighean anns an Eilean Bhàn ann an naoi ceud deug, seasgad ’s a trì (1963). ’S e muinntir an taigh-sholais a bha a’ fuireach annta roimhe sin, oir tha
taigh-solais mòr air ceann an iar-dheas an eilein. Nuair a rinneadh an taigh-solais fèin-obrachail aig toiseach nan seasgadan, chuir Bòrd
Taighean-solais a’ Chinn a Tuath na taighean-còmhnaidh anns an eilean air a’ mhargaidh. Agus cheannaich Gabhainn Maxwell iad.
Aig an àm sin, ge-tà, bha Maxwell fhathast a’ fuireach ann an Sanndaig faisg air Gleann Eilg – an t-àite air an do chuir e fhèin Camusfeàrna mar
ainm. ’S ann anns a’ bhliadhna seasgad ’s a h-ochd (1968) a chaidh e a dh’fhuireach anns an Eilean Bhàn làn-thìde, às dèidh gun deach an
taigh aige ann an Sanndaig a sgrios le teine.
Bha na taighean, a tha ceangailte ri chèile, airson dà theaghlach oir bha dithis ag obrachadh an taigh-sholais. Chaidh am balla eatarra a leagail agus
rinneadh seòmar mòr fada air a bheil an-diugh ‘The Long Room’. Chaidh sin a dhèanamh na thaigh-tasgaidh do Mhaxwell, a’ taisbeanadh litrichean is
sgrìobhaidhean aige agus rudan a bhuineadh do a bheatha. Tha an taisbeanadh inntinneach, ged nach robh Maxwell anns an eilean fada oir chaochail e ann an
seasgad ’s a naoi (1969). Tha mi toilichte ri aithris gu bheil cairtean fiosrachaidh mun taisbeanadh rim faighinn ann an Gàidhlig cuideachd.
Bha Maxwell a-riamh airson diofar dhòighean fheuchainn airson bith-beò a dhèanamh. Tha daoine air taobh an iar na Gàidhealtachd fhathast ga choireachadh
airson cho gann ’s a tha an cearban, oir bha gnìomhachas aige stèidhichte air sealg an èisg sin. Chan eil mi cinnteach a bheil e airidh air an droch chliù
sin ach tha e car annasach oir tha Maxwell ainmeil airson a bhith na ‘neach-glèidhteachais’.
Co-dhiù, cha robh Maxwell fada a’ fuireach anns an Eilean Bhàn mus do thòisich e air planaichean a chur ri chèile airson an eilein. Bha e a’ dol a
chruthachadh sù prìobhaideach, le ainmhidhean ann a bha dùthchasach do dh’Alba. Tha fhios gum biodh dòbhrain am measg sin. Bhiodh luchd-turais a’ dol don
sù bhon Eilean Sgitheanach ann an eathar.
Bha planaichean aige cuideachd airson a bhith a’ brosnachadh na lacha Lochlannaich gus a neadachadh anns an eilean. Bhiodh e an uair sin a’ cruinneachadh
na clòimhtich bho na neadan aca. Air sàillibh a bhàis, cha do thachair gin dhiubh sin, ged a chithear lachan Lochlannach fhathast ann an uisgeachan an
Eilein Bhàin.